Duisg Mo Run

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Dùisg mo rùn is tuiginn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhalloch, cuir am baile ri d' chùl
Is leanaidh sinn a' gheallaich.

A' seasamh air an rathad dol tuath
Do'n Eilean Sgiathanach air cuairt
Chì sinn oidhche air rathad a' Chaoil
'S na Cuiltheann anns a' mhadainn.

Cum a mach do shùil is èisd
'son cuibhlean luath an làraidh èisg
'S thèid sinn le ar n-òrdag na'r n-ùine fhèin
Nas fhaisge air an eilean.

Tha'n t-àm seo 'n bhliadhna neisd air tighinn
A bhith air ais 'san fhraoich a rithis 'se mo mhiann
Teas an fheasgair air mo dhruim
Is Sgurr a' Mhadadh Ruadh 'nam choinneamh
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:56:57
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.