Beachd le Aonghas Pàdraig Caimbeul
Bile na Gàidhlig: 'S ann a bu chòir a bhith bruidhinn air bàrdachd na Gàidhlig
Tha mi dìreach air an leabhar as ùire anns an t-sreath Ùr-Sgeul - Tocasaid 'Ain Tuirc le Donnchadh MacGill'Ìosa à Nis
agus Lunnainn - a leughadh 's tha e air còrdadh leam glan fhèin. Tha e an dà chuid aotrom agus domhainn, Gàidhealach
agus eadar-nàiseanta, fìrinneach agus uirsgeulach.
Tha e a' cur nad chuimhne nach eil sìon cho grinn ri deagh stòiridh air a deagh h-innse 's nach eil sìon cho fìrinneach
aig a' cheann thall ri sgeul air a deagh h-innse. Nach eil am Bìoball fhèin ag ràdh - Marcus Caibideil 4, 33 - "ach
gun chosamhlachd cha do labhair e riu"?
Bha e riamh a' cur iongnadh orm gun do thrèig sinne mar Ghaidheil, co dhiù ri mo linn-sa, dualchas nan sgeulachdan.
Nach robh againn tobar de sgeulachdan a bha mìorbhaileach - Conall Cra Bhuidhe is Cath nan Eun is An Ceatharnach
Caol Riabhach is mìle sgeulachd eile - ach a dh'aindeoin sin dhìochuimhnich sinn iad 's chuir sinn iad ann an
suarachas. Co airson? Eastenders agus Coronation Street agus Big Brother, gun ghuth a ràdh air Machair 's eile.
Tha fhios 'am cuideachd gu bheil argamaid ann gur e creideamh a chur às dha na sgeulachdan - nach fhad on a thuirt
Ruairidh MacThòmais gun tàinig am bodach-ròcais dhan taigh-chèilidh, ach chan ann buileach air an sin a tha mi a-mach
ach air an dòigh anns an do dhìochumhnich sinn an rud a bha aig cridhe gach sgeòil: an fhìrinn ann an samhla.
Saoilidh mise gur e a thachair gun tàinig sgaradh eadar an dà rud mòr sin - eadar an fhìrinn agus an t-samhla - ann an
seagh a bha gu math millteach. Gu ìre, gabh an eaglais cleòca na fìrinn dhaibh pèin, a' dìochuimhneachadh gum buineadh
an fhìrinn dhan t-samhla cho math 's a bhuineadh an t-samhla dhan fhìrinn, no dhan Fhìrinn.
'S air an làimh eile, ghabh an saoghal - agus sgrìobhadairean an t-saoghail - an samhla dhaibh pèin, a'
dìochuimhneachadh cuideachd gum buineadh an t-samhla dhan fhìrinn 's gun robh ceangal neo-sgaranta eadar fìrinn is
samhla. Oir mar cuan gun uisge, ciamar as urrainn fìrinn a bhith agad gun shamhla, no samhla gun fhìrinn?
Tha na sgeulachdan aig Donnchadh MacGill'Ìosa ann an Tocasaid 'Ain Tuirc a' dearbhadh a-rithist gum bu chòir do
litreachas na Gàidhlig a bhith a cheart cho beartach anns an raon seo (ris an can cuid 'magic realism') 's a tha na
h-Ameireaganaich-a-Deas. Mar a dh'ath-chruthaich Borges agus Garcia Marquez agus Juan Carlos Onetti agus Adolfo
Bioy-Casares is eile an dualchas aca fhèin nach bu chòir dhuinne cuideachd brìgh nan seann sgeulachdan - far an tachair
gach mìorbhail - ath-chruthachadh airson ar làithean fhìn?
Nach eil a cheart uimhir de dh'fheum ann an 2004 air gaisgich is modalan de cheartas is de shaorsa is eile 's bha ann
an 1804? Nach eil a cheart uimhir de dh'fheum againn an-diugh air sgeulachdan far am faigh sluagh a tha a' fulang an
còraichean 's bha aca anns na seann làithean? Nach eil a cheart uimhir a dh'fheum againn an-diugh air lèirsinn agus air
dòchas agus air samhla agus air modalan dhen t-saoghal 's bha aca anns na seann làithean?
Air neo an e Ceann-Là is Eòrpa air an telebhisean an aon sgeul a tha gu bhith againn san latha th' ann?
Saoilidh mi fhèin gur e an sgeama Ur-Sgeul rud cho math 's a thachair ann an saoghal na Gàidhlig bho chionn ùine mhòir -
beag air bheag, tha an sgeulachd a' tighinn air ais, 's mura bheil thu gam chreidsinn-sa, leugh mu Bhrògan Donna an
Sgeilbheig ann an Tocasaid 'Ain Tuirc 's chì thu co air a tha mi a-mach: sgeulachd cho brèagha 's a leugh mi o
chionn ùine mhòir, 's i cho seann-fhasanta ann an aon dòigh ach cho ùr-nòdhach agus co-aimsireil aig an aon àm.
"'S dè thachair an dèidh sin?" dh'fhaignicheadh Tormod Noraidh ri sheanmhair.
"O, bhoill," ars a sheanmhair, "tha thu faighneachd dh'oms'"
Ach fhad 's tha rosg Gàidhlig a' faighinn ùrachadh is misneachadh is brosnachadh, tha dragh mhòr ormsa mu dheidhinn
dà raon eile de ar litreachas a tha sinn a' fàgail a' lobhadh ann an oisean an achaidh. Agus 's e sin bàrdachd agus
dràma.
Saoilidh mi gu bheil feum a-nis cuideachd air sgeama leithid Ùr-Sgeul a chur air chois airson bàrdachd a bhrosnachadh
às ùr, agus sgeama eile dhen dearbh sheòrsa airson dràma a bhrosnachadh.
An-dràsta tha bàrdachd Ghàidhlig caran air chall, saoilidh mi, eadar na gaisgich mhòr a bh' ann agus an saoghal
telebhisineach a tha romhainn. Tha An Gath agus An Guth agus iris no dhà eile againn ceart gu leòr a tha dèanamh
obair ionmholta ach a bharrachd air Diehard Publishers ann an Calasraid a tha ro-dheònach bàrdachd Ghàidhlig
fhoillseachadh mar leabhar chan eil an cliù 's an inbhe 's an t-àite 's an t-urram aig bàrdachd Ghàidhlig mar bu
chòir anns an latha th' ann.
'S feumar sin a chur ceart, oir chan eil mise faicinn ciamar as urrainn dhuinn bruidhinn air Bile Gàidhlig a chur an
gnìomh, agus air Poileasaidh Gàidhlig a bhith againn sa Phàrlamaid, agus air bun agus àrd-sgoil ùr Ghàidhlig a bhith
againn ann an Glaschu mura bheil bàrdachd Ghàidhlig an latha 'n-diugh a' faighinn cliù is urram is àite anns an
t-saoghal ùr phoileasaidheach sin.
Dè is fhiach Bile Gàidhlig - no mìle Bile Gàidhlig, no mìle Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig - mura bheil na dà
in againn? Na dàin a bheir spionnadh is dealbh is brodadh is toileachas is lèirsinn, far a bheil a h-uile rud a
tha sin a dhìth.
'S ma tha sin fìrinneach mu bhàrdachd tha e a cheart cho fìrinneach mu dhràma.
Tha Tosg againn ceart gu leòr ach tha cruaidh fheum air mìle Tosg. Air sgeama leithid Ùr-Sgeul ann an dràma
a bhrosnaicheas sgrìobhadh ùr a bhios a' ceangal fìrinn agus samhla, no samhla agus fìrinn, a-rithist ri chèile,
mar bu chòir.
Oir gun rosg agus gun bhàrdachd agus gun dràma ('s tha fhios 'am gu faodamaid sin a leudachadh cuideachd gu
dealbhan agus ceòl is eile) cha bhi ann am Bileachan agus ann am Poileasaidhean agus ann an Roi-Innleachdan agus
eile ach samhlaidhean gun bhrìgh, gun fhìrinn.
Gheibhear an leabhar Tocasaid 'Ain Tuirc bho Chomhairle nan Leabhraichean aig 22 Sràid Achadh a' Mhansa ann an Glaschu; fòn 0141 337 6211. 'Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mun leabhar sin agus mu na leabhraichean eile san sgeama Ùr-Sgeul air làrach-lìn Ùr-Sgeul aig: www.ur-sgeul.com no faodaidh sibh sgrìobhadh thuca aig: fios@ur-sgeul.com
Còraichean © 2004 An Gàidheal Ùr.