Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Joomla! sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
'S e bathar-bog gus làraichean-lìn a chruthachadh a th' anns an Joomla!. Gheibhear fios mun phacaid cànain agus càite am faighear e an seo.

Eadar-theangachadh aig phpBB 3.0.9 ri fhaighinn


Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Nochd tionndadh ùr aig a' bhathar-bhog phpBB agus chuir mi na atharrachaidhean ris na faidhlichean cànain. Tha Gnìomhan nan Rianairean a dhìth fhathast, ach tha a h-uile rud poblach sa Ghàidhlig. Gheibh sibh na faidhlichean an seo.

Goireasan Opera


Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha dà ghoireas ùr ann do dh'Opera:

Opera Mini/Mobile - A' chiad bhrabhsair Gàidhlig san t-saoghal a dh'obraicheas air fònaichean-làimhe agus tablaidean.

Dearbhair-litreachaidh.

Taing do dh'Akerbeltz a-rithist!

Tionndadh ùr air Firefox


Tùs: Mozilla.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Gheibhear Tionndadh 4 aig Firefox sa Ghàidhlig a-nis.

Firefox version 4 has been released in Gaelic.

http://www.mozilla.com/gd/firefox

phpBB3 ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha sinn air crìoch a chur air an eadar-theangachadh den phàirt phoblach aig a' bhathar-bhog phpBB3. Ma tha sibh airson bòrd-brath a chur an cois sa Ghàidhlig, gheibh sibh na faidhlichean an-seo.

We have finished translating the public part of the phpBB3 software. If you wish to run a Gaelic-language messageboard, get the files here.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 16mh dhen t-Samhainn 2019 09:27:00