Geama tòimhseachain - Lorg mèinnean

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Toraidhean an luirg

Seall na h-uile naidheachd air: Naidheachdan   -   News
 

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Siubhail an domhan le Pioneer


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: GunChleoc
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
pioneer-screenshot1.png pioneer-screenshot2.png pioneer-screenshot3.png pioneer-screenshot4.png
Tha a' Ghàidhlig 'ga bruidhinn air feadh an domhain a-nis - air a' choimpiutair agad co-dhiù! 'S e geama dàna-thuras an fhànais a th' ann am Pioneer a chaidh a shuidheachadh san reul-chrios againne air toiseach an 31mh linn. Seo geama Open Source a tha ri fhaighinn an-asgaidh airson Windows, Linux is Mac.
pioneer-logo.png
Chan eil crìoch stèidhichte air a' gheama agus tha iomadh seòrsa beòshlainte ri fhaighinn am measg nan reultan. Bi an toir air cliù agus fortan a' rùrachadh milleanan de rianan-rèile. Rach 'nad eucoireach 's tusa ri spùinneadaireachd, cùiltearachd no sealg tasgail. Stèidhich is bris caidreachasan leis na buidhnean a tha a' sabaid airson cumhachd no saorsa. Tha an domhan na nì thu dheth.

Pioneer is a space adventure game set in our galaxy at the turn of the 31st century. The game is open-ended, and you are free to eke out whatever kind of space-faring existence you can think of. Look for fame or fortune by exploring the millions of star systems. Turn to a life of crime as a pirate, smuggler or bounty hunter. Forge and break alliances with the various factions fighting for power, freedom or self-determination. The universe is whatever you make of it.
Faigh Pioneer saor 's an-asgaidh air pioneerspacesim.net

Pioneer is freely available from pioneerspacesim.net

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an cànan prògramachaidh Sratch ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
scratch-logo.png
Le Scratch, 's urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh -- agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail cruthachail is rianail agus mar a dh'obraicheas iad còmhla -- seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn.

With Scratch, you can program your own interactive stories, games, and animations -- and share your creations with others in the online community. Scratch helps young people learn to think creatively, reason systematically, and work collaboratively -- essential skills for life in the 21st century.
Chruinnich mi eisimpleirean de phròiseactan sa Ghàidhlig san stiùideo "Stuth sa Ghàidhlig". Gabhaidh na pròiseactan a leabachadh ann an làraichean-lìn cuideachd:

I have collected examples of Gaelic projects in a "Stuth sa Ghàidhlig" studio. The projects can be embedded in websites as well:







'S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th' ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh. 'S urrainn dhut a chleachdadh air scratch.mit.edu. Taghaidh tu do chànan aig bonn na duilleige-lìn aca.

Scratch is a project of the Lifelong Kindergarten Group at the MIT Media Lab. It is provided free of charge. You can access it at scratch.mit.edu. You can select your language at the bottom of their webpage.

'S e obair mhòr a th' ann an làrach-lìn aca eadar-theangachadh, mar sin chan eil e coileanta fhathast agus feumaidh gu bheil mearachd no dhà ann. Ma lorgas tu tè, an innis thu dhomh mu dhèidhinn?

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh SuperTuxKart 0.9 fhoillseachadh


Tùs: SuperTuxKart
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
supertuxkart-0.9-screenshot-2.jpg supertuxkart-0.9-screenshot-8.jpg
Chaidh tionndadh ùr dhen gheama rèisidh SuperTuxKart fhoillseachadh. Tha e stèidhichte air einnsein grafaigeachd ùr agus chaidh tracaichean ùra snasail a chur ris. 'S urrainn dha na cluicheadairean euchdan a chruinneachadh cuideachd a-nis.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh, glacaidhean-sgrìn agus luchdaidhean a-nuas saor 's an-asgaidh air làrach-lìn SuperTuxKart.


A new version of the racing game SuperTuxKart has been published. It is based on a new graphics engine and they have added some new shiny tracks. Player can now also collect achievments.

You can get more information, screenshots and free downloads on the SuperTuxKart website.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Strì Beasnaid 1.12.2 air fhoillseachadh


Tùs: Battle for Wesnoth
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
wesnoth-screenshot1.png wesnoth-screenshot2.png
Chaidh tionndadh ur de Strì Bheasnaid fhoillseachadh an-dè. Tha an sgioba air snas ùr a chur air agus tha mi air dà iomairt eile eadar-theangachadh: Oighre na cathrach agus Foghail nan deamhan. Tha iomadh iomairt eile feumach air eadar-theangachadh fhathast, mar sin ma tha ùidh agad ann, nach cuir thu taic dhuinn?

'S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th' ann an Strì Bheasnaid. 'S urrainn dhut a chluich 'nad aonar no air loidhne còmhla ri daoine eile.

On a tha na seann-tionndaidhean so-leòinte a thaobh tèarainteachd, mholamaid gun dèan sibh ùrachadh cho luath 's a ghabhas.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama fòn-làimhe ùr: Wordumz


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
wordumz-logo.png
Seo geama fhaclan eile. Tha e gu math spòrsail 's chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a' tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH 's ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble. Barrachd fiosrachaidh agus ceanglaichean air iGàidhlig.

Another word game for you. This one is good fun and not hard to understand. Letters fall down and you need to build words (which clears the letters off the screen when you click DEARBH and if the word is correctly spelled) before too many build up and bring the game to an end. A bit like a cross between Wordtris and Scrabble. More information and links at iGàidhlig.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 8mh dhen Ògmhios 2019 11:58:41