Naidheachdan   -   News

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Firefox ann an Gàidhlig


Tùs: Mozilla.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha an sealladair Firefox ri fhaotainn ann an Gàidhlig a-nis. Gheibhear e aig http://www.mozilla.com/gd/

Tha e an asgaidh.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Droch naidheachd bho Ning: AbairThusa ri dùnadh??


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Tha Crìstean a' sireadh ur beachd dè an dòigh anns a chumas e AbairThusa a' dol no nach cum.
Às-earrann:
A chàirdean coire,

Ma dh'fhaoite gum bi fios aig cuid agaibh mar-thà, ach bidh AbairThusa a' cleachdadh sèirbheasan Ning.com airson lìon-sòisealta a chruthachadh. Gu ruige seo tha Ning air a bhith saor an-asgaidh ri chleachdadh, ach an-dè leig iad fios dhomh gum bi iad a' cur stad air na sèirbheisean saor-an-asgaidh aca agus gum feum lìn-sòisealta Ning paigheadh air an son.

Ged a bhios mi a' paigheadh airson cuid dhe na sèirbheasan eile aig Ning, chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi comasach air pàigheadh airson a h-uile fear, agus mar sin dheth, chan eil mi cinnteach ma bhios a' tachairt le AbairThusa.

Tha Ning air ràdh gum bi iad a' foillseachadh na plànaichean aca taobh a-staigh trì seachdain, so cuiridh mi barrachd fiosrachaidh thugaibh an uairsin.

Ach airson an-dràsta bu toigh leam faighneachd oirbh: Ma bhios agam ri Ning fhàgail, am bi sibh airson an AbairThusa gluasad ri sèirbheis eile neo am bi sibh toilichte gu leòr gun AbairThusa idir?

'S urrainn dhuibh ur molaidhean neo beachdan a chur thugam air post-d (fios@abairthusa.co.uk) air Twitter (@AbairThusa), air Fòram AbairThusa neo air Fòram na Gàidhlig

Dùrachdan,
Crìstean

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig air fòn-làimhe


Tùs: Gàidhlig-B
Tha Caoimhín a' cruathachadh foirmean ùra do Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig a bhios freagarrach do na fònaichean-làimhe agus tha e a' sireadh ur beachdan dè am fear nas fheàrr. Ma bhios fòn-làimhe agaibh agus ma bhios sibh a' cleachdadh an eadar-lìn air, carson nach cur sibh post-d thuige.

Caoimhín is creating a new form for the Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig that will be suitable for mobile phones and he's looking for your opinion which one is best. If you are using the internet on your cell phone, why not drop him an e-mail.
Às-earrann:
Cuiribh sùil air:

www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/

agus chì sibh gu bheil rudan ùra ann:

1. Bha mi a' feuchainn ri foirm beag lom a dhèanamh dhan Stòr-dàta Briathrachais a bhiodh math air na fónaichean làimhe, agus rinn mi trì dhiubh: m1.php, m2.php agus m3.php
A bheil iad gu feum? Agus ma tha, có aca as fheàrr leat?
Chan eil mi fhìn a' cleachdadh an Eadarlìon air fón-làimhe fhathast, agus leis a sin bhithinn gu math taingeil airson bheachdan.

2. "Stòrdàta air steroids", air a neartachadh le taic bho cho-fhaclair (thesaurus) mór Béarla.


[Have a look at the above address for new ("Ùr") experiments on the Stòr-dàta Briathrachais interface. I'd be especially glad of opinions on m1.php, m2.php and m3.php from anyone who uses the Stòr-dàta Briathrachais on a mobile phone.]]

Caoimhín

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Iomairt Gàidhlig Ceart air Twitter


Tùs: Twitter.
Air a lorg le: Gràisg
Tha buidheann ùr CorrectGaelic ann air Twitter.
Às-earrann:
Name Gaelic Teachers

Location Hebrides, Scotland

Bio A body of native Gaelic speakers, providing correct Gaelic phrases and transl*tions on Twitter.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 17mh dhen Dùbhlachd 2019 07:55:31