Seallaidh Stellarium na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad. 'S urrainn dhut a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis. Seo cuid dhe na gleusan a bheir Stellarium dhut:
- Corr is 210 millean reul
- Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson 20+ dualchas eadar-dhealaichte
- Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
- Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
- Na planaidean is na saidealan aca
- Rionnagan-earbaill
- Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
- Mòr-nòbhathan
- Gabhaidh gnàthachadh
Ged a tha an eadar-aghaidh gu lèir ri a faighinn sa Ghàidhlig a-nis, tha obair ri a dèanamh fhathast gus eadar-theangachadh nan ainmean reultan a thoirt gu buil (tha corr is 2500 dhiubh ann is an t-eadar-theangachadh mu letheach slighe aig an àm seo) ach tha mi 'n dùil gu bheil an fheadhainn Shiarach coileanta a-nis.
Gheibh thu Stellarium o
stellarium.org e.