A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Geama ùr: Pingus


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Pingus
Pingus
 
Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo coltach ri Lemmings ach tha e an asgaidh.

Cha do chuir iad a' Ghàidhlig ris na pasganan oifigeil fhathast, ach gheibh thu mìneachadh air ciamar a stàlaicheas tu e an seo.