A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Geama ùr: The Battle for Wesnoth 1.10.5


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
wesnothlogo.png
 
Chaidh eadar-theangachadh ùr air geama eile fhoillseachadh an-diugh: tionndadh 1.10.5 aig The Battle for Wesnoth.

'S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th' ann am Battle for Wesnoth. Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte aige: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. Faodaidh tu na geamannan ioma-chluicheadair a shuidheachadh cuideachd ach an cluich thu an aghaidh a' choimpiutair.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air ciamar a gheibh sibh an geama an-seo.



'S e obair mhòr a th' anns an eadar-theangachadh seo, mar sin chan eil an roinn taice coileanta fhathast. Cuideachd, chan eil ach dà iomairt sa Ghàidhlig gu ruige seo. Mar sin, ma tha ùidh agaibh ann, carson nach cuidich sibh leis an eadar-theangachadh? Tha na h-iomairtean làn dhe chòmhraidhean agus tha fiù 's pìosan bàrdachd a dhìth leis na mapaichean ioma-chluicheadair! Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air an eadar-theangachadh air an làrach-lìn aig Wesnoth.