Naidheachdan   -   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Geama ùr ri fhaighnn sa Ghàidhlig: Frogatto & Friends

16mh dhen Chèitean 2013 12:21:52
Tùs: Frogatto & Friends
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
frogatto-screen1.png frogatto-screen2.png frogatto-screen3.png
Chaidh a' chiad geama "ùrlaran" or "ruith is leum" fhoillseachadh sa Ghàidhlig. Aig an aon àm, 's e geama tachartais ("adventure") a th' ann le sgeulachd tlachdmhor.
'S e geama tachartais 2D air nòs clasaigeach a th' ann am Frogatto is 's e losgann quixotach a th' anns a' phrìomh phearsa. Chaidh a dhèanamh leis an aon sgioba a thug Battle for Wesnoth dhuibh is chaidh ealain phiogsail àrd-ìre a chruthachadh a làimh is le gaol san aon dòigh. 'S e geama "ùrlaran" or "ruith is leum" le sealladh on taobh a th' ann am Frogatto san stiùirich thu am pearsa-tiotail againn air gnothach leamh a thèid na sgiorradh dàna.



Mar as àbhaist, gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu thionndadh Gàidhlig a' geama air a' bhòrd-bhrath againn.


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35