Naidheachdan   –   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Cleasan ionnsachaidh don chloinn: GCompris

6mh dhen t-Samhainn 2013 18:10:25
Tùs: GCompris
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
gcompris-logo.png
 
'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù.

Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail.

Chaidh tionndadh 13.11 fhoillseachadh a-nis is a' Ghàidhlig na bhroinn airson a' chiad turais. Ach am biodh na geamannan co-cheangailte ri litrichean is faclan a-rèir feumalachdan na Gàidhlig, bha sinn fiù 's an sàs ann am prògramachadh is mi fhìn air dà chànan ùr ionnsachadh (C is Python ;)). Barrachd air sin, chlàraich sinn guth cuideigin aig a bheil Gàidhlig bhrèagha on ghlùin. Mòran taing do dh'Akerbeltz a chuir seo air dòigh! Tha sinn fhathast ag obair air a' phrògramachadh airson aon dhe na geamannan, ach tha a h-uile càil eile dèanta ach am freagair e dhan a' Ghàidhlig.

Gheibh sibh barrachd fiosrachadh mu dhèidhinn air a' bhòrd-bhrath againn.


GCompris is a high quality educational software suite comprising of numerous activities for children aged 2 to 10. Some of the activities are game orientated, but nonetheless still educational. Currently GCompris offers in excess of 100 activities and more are being developed. GCompris is free software, that means that you can adapt it to your own needs, improve it and, most importantly, share it with children everywhere.

Version 13.11 has now been released with Gaelic in it for the first time. In order to make the games related to letters and words work for Gaelic, we even got involved in the programming an I myself learned two new languages (C and Python ;)). We also recorded the voice of a native speaker with beautiful Gaelic. Many thanks to Akerbeltz who took care of this! We are still working on the programming for one of the games, but everything else is finished to fit the Gaelic language. We have compiled installation information for you on our forums.


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35