Naidheachdan   -   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Firefox Ioma-chànanach - Multilingual Firefox

4mh dhen Ghiblean 2015 08:57:32
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
firefoxlogo.png
A bheil daoine eile a' cleachdadh an coimpiutair agad cuideachd 's nach eil a' Ghàidhlig aca? A bheil thu ag ionnsachadh is dìreach airson feuchainn ris a' Ghàidhlig? Rinn mi video beag air mar a chuireas sibh barrachd air aon chànan air Firefox.

Are you sharing your computer with others who don't speak Gaelic? Are you still learning and only want to try some Gaelic? I have made a little video that shows you how to add more than one language to Firefox.
  1. Lorg airson "firefox download language pack".
  2. Tagh an toradh o https://addons.mozilla.org/firefox/language-tools/.
  3. Tagh is cuir ri Firefox an "Language Pack" is an "Dictionary" airson gach cànain a thogras tu. Bidh e nas fhasa ma dh'fhosglas tu gach ceangal ann an taba ùr le briogadh deas na luchaige.
  4. Cleachd an clàr-taice san oisean deas aig a' bharr gus na Tuilleadain inntrigeadh.
  5. Lorg airson "locale switcher".
  6. Stàlaich "Locale Switcher 3" agus tòisich Firefox às ùr.

  1. Search for "firefox download language pack".
  2. Pick the result from https://addons.mozilla.org/firefox/language-tools/.
  3. Choose and add to Firefox the "Language Pack" and "Dictionary" for each language you want. It will be easier if you open each link in a new tab using a right-click.
  4. use the menu on the top right to access the Add-Ons.
  5. Search for "locale switcher".
  6. Install "Locale Switcher 3" and restart Firefox.




Nuair a bhios seo dèanta agaibh, 's urrainn duibh an cànan a chleachdas sibh gus an litreachadh a dhearbhach a thaghadh cuideachd le briogadh deas san raon far a bheil sibh a' sgrìobhadh.

Once you have done this, you can also pick the language that you wish to use for spell checking by right-clicking on the field where you are writing.


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35