Naidheachdan   –   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Geama tòimhseachain - Me & My Shadow

24mh dhen t-Samhainn 2018 13:38:46
Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
me-and-my-shadow-screenshot01.png me-and-my-shadow-screenshot02.png
'S e geama tòimhseachain/ùrlaran saor a th' ann am Me and My Shadow sa bheil thu a' feuchainn ris an doras a-mach a ruigsinn le fuasgladh thòimhseachan. Feumaidh tu slighe seachad air spìcean, blocaichean a ghluaiseas, blocaichean brisg is mòran a bharrachd a lorg. Clàrach na gluasadan agad is thoir air do sgàile na gluasadan sin ath-dhèanamh ach an ruig thu blocaichean nach ruigeadh tu 'nad aonar.



'S urrainn dhut na leibheilean agad fhèin a chruthachadh cuideachd on a tha deasaiche leibheilean ann.

Faigh e air meandmyshadow.sf.net.


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35