Search found 7 matches

by An Gille Donn
Fri Jul 19, 2013 5:54 pm
Forum: Còmhradh coitcheann / Off-Topic
Topic: Sabhal Mòr Beurla?
Replies: 7
Views: 5865

Re: Sabhal Mòr Beurla?

@ Sheonaidh chòir, “Mar a thuirt Hamlet (?Clachan)” – seadh, deagh-oidhirp èibhinn a th’ ann an seo air ‘Hamlet’ eadar-theangachadh, ach chan obraicheadh e dhà-rìribh: is e sean-ainm Lochlannach a bh’ ann, Amlóði , is e sin a’ ciallachadh “amadain, duine às a rian”, ag innse sgeulachd na sean-uirsge...
by An Gille Donn
Fri Jul 19, 2013 1:22 pm
Forum: Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain / Music, Books and the Arts
Topic: O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...
Replies: 1
Views: 11148

Re: O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...

A Chàirdean chòir, co-dhiù a bheil Gearmailtis aig cuid dibh a bharrachd air a’ Ghaidhlig, no direach Beurla a mhàin, gheibh sibh a nise aistean ùra ceangailte ris a’ leabhar làithreil agam. Tha fear dìreach chun a nochdadh anns a’ Bheurla ann an SGS XIX, tdd. 1-13, agus faodaidh sibh sùil roimh lài...
by An Gille Donn
Fri Jul 19, 2013 12:32 pm
Forum: Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain / Music, Books and the Arts
Topic: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...
Replies: 9
Views: 17406

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

A Chàirdean chòir, tha mi an impis falbh don Ghàidhealtachd an ceartair, is mi a’ siubhal troimh Ghlaschu. Chan e dìreach saor-làithean àbhaisteach a bhios mi air, ach tha mi a’ dol a thoirt seachad òraid stèidhte air mo mhonograf mu na saighdearan Gàidhealach ann an Hesse ri linn Cogadh nan Seachd ...
by An Gille Donn
Fri May 17, 2013 9:44 pm
Forum: Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain / Music, Books and the Arts
Topic: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...
Replies: 9
Views: 17406

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Seadh, seadh, seadh - a rèir choslais, gheibhear an seo an diofair beachdan na th’ ann an sgeulachdan is nobhailean Gòtach. Uill, a Chàirdean, dh’ ainmich mi feadhainn ùghdaran cheana aig bàrr na roinne seo, a bheil sibh air sin fhaicinn cheana? Is iad ùghdaran Beurla is ùghdar Gàidhlig a dh’ ainmic...
by An Gille Donn
Wed May 08, 2013 4:11 pm
Forum: Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain / Music, Books and the Arts
Topic: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...
Replies: 9
Views: 17406

Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

A Chàirdean chòir, am biodh ùidh agaibh ann am farpais bhig sgrìobhaidh? Bheir mi dhuibh tairgse-còmhraig sgeulachdan goirid a sgrìobhadh anns a‘ Ghàidhlig a bhuineas don ghnè a rinn ùghdaran leithid Poe, Algernon Blackwood, agus ann an dòigh, R.L. Stevenson is H.P. Lovecraft….amsaa. ainmeil. Chuiri...
by An Gille Donn
Sat Apr 27, 2013 9:23 pm
Forum: Cuir nan aithne / Introductions
Topic: "Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach latha
Replies: 2
Views: 13992

"Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach latha

A Chàirdean chòir, feasgar math dhuibh uile! Dh’ fhaoidte gun aithnich cuid agaibh mi cheana, bha mi a’ còmhnaidh ann an Albainn fada gu leòr (1998-2008), is mar sin, tha e do-sheachainneach gun do thachair mi co-dhiù air fear, dithist no fiù triùir agaibh. Tha mi air fàs dìreach beagan na ‘s lèithe...
by An Gille Donn
Sat Apr 27, 2013 8:11 pm
Forum: Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain / Music, Books and the Arts
Topic: O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...
Replies: 1
Views: 11148

O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...

A Chàirdean chòir, tha a nise an dreach Gearmailtis den leabhar a dh' fhoillsich mi 'san Fhoghair an uiridh, From Breadalbane to Brucker Muhl: Scottish Highland Soldiers in Hesse 1759-62 (Colbhasa: Taigh na Luachrach, 2012) air a chur air bhog gu h-oifigeil mu dheireadh thall le òraid agus cèilidh b...