"Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach latha

Cò thusa? / Introduce yourself
An Gille Donn
Posts: 7
Joined: Wed Apr 24, 2013 10:56 pm
Language Level: siubhlach
Location: Lollar

"Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach latha

Unread post by An Gille Donn » Sat Apr 27, 2013 9:23 pm

A Chàirdean chòir,

feasgar math dhuibh uile! Dh’ fhaoidte gun aithnich cuid agaibh mi cheana, bha mi a’ còmhnaidh ann an Albainn fada gu leòr (1998-2008), is mar sin, tha e do-sheachainneach gun do thachair mi co-dhiù air fear, dithist no fiù triùir agaibh. Tha mi air fàs dìreach beagan na ‘s lèithe, agus dh’ fhaoidte, dìreach beagan na ‘s tighe. Ach cha tig an aois leatha fhèin...ged a tha mi òg gu leòr fhathast troimh shùilean bodaich. Bhithinns’ aosda troimh shùilean deugair, ge tà, ach chan eil mi ach ‘an teas-mheadhon mo bheatha. Bha mi mu sheachd bliadhna a dh’ aois nuair a thàinig mi a dh’ Albainn airson a’ chiad turais, is mi a’ siubhal cuide rim’ phàrantan...bhiodh sinn a’ tilleadh gach uile bliadhna gu ruige 1989. An uairsin, bhithinns’ a’ siubhal mun cuairt air Éirinn gach uile bliadhna, is mi ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Éireann mean air mhean. Nuair a thill mi a dh’ Albainn mu dheireadh thall chun a’ Ghàidhlig a thogail, bha mi ann am meadhon nam ficheadan. Ann an 2008, an dèidh sè bliadhna air fad ann an Obar Dheathain agus ceithir bhliadhna ann an Dùn Éideann, b’ fheudar dhomh Alba fhàgail air sàilleabh dìth obrach, a dh’ aindeoin deagh-MA le urram is Mphil a bhuain...uill, cha d’ fhuair mi ‘n chothrom-obrach a bu mhian leam fhathast buileach, ach tha mi trang mar sgoilear is sgrìobhadair neo-eisimeileach – mar a tha sibh a’ faicinn (f. Ceòl, Leabhraichean is na h-Ealain). Tha mi a’ teagaisg Ghàidhlig a bhos ‘sa Ghearmailt cuideachd, is mi an dàimh ri (ach chan ann am fasdadh aig) Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Mharburg. Agus na tha a dhìth oirbh de dh’ fhiosrachadh mum dhèidhinn-sa, gheibh sibh sin air an dà làraich-lìn agam, Acsail Òg nan Ròn agus Acsail Òg nan Ròn ath-luchdaichte, m.e. mo chùrsa-lìn mu Ghàidhealtachd is Garbh-Chrìochan na h-Albann ann an Uirsgeulachd na Beurla on 18mh gus an 21mh linn...Co-dhiù, cha tuig fiù Albannach dùthchasach a chaoidh cho cruaidh ‘s cho doirbh a bha e dhomh Alba fhàgail, agus cha dèan saor-làithean a mhàin an gnothach mo chuid chianalais a chur air fuadach!

Leis gach deagh-dhùrachd,

Acsail Òg

Image

Image
Pàrtaidh Charleston, Oidhche Challainn 2008-09

Last edited by An Gille Donn on Fri May 03, 2013 3:10 pm, edited 1 time in total.



GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: "Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach la

Unread post by GunChleoc » Sun Apr 28, 2013 11:04 am

Fàilte chridheil ort! Tha mi 'n dòchas gun còrd an àite seo riut :)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: "Gàidhealmailteach" eile, ach fear nach faighear gach la

Unread post by Gràisg » Tue Apr 30, 2013 10:53 am

Halo Acsail, math d'fhaicinn san àite seo :)

Post Reply