Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

Hallò

tha beagan cuideachaidh 'e dhìth orm, gus roinnt fhaclan a dh'eadar-theangachadh:

- a covered market
- a short while ago
- in a short while (I will do...)
- gay
- no-through road, dead end

mòran taing!


Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Thrissel »

- a covered market - dè sin?
- a short while ago - o chionn greis (goirid)
- in a short while (I will do...) - an ceann greis (goirid) (nì mi...)
- gay - 1. aighearach 2. bastalach 3. gèidh/co-sheòrsach 4. amaideach/gòrach
- no-through road, dead end - bu mhath lean gum biodh fhios agam cuideachd
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by akerbeltz »

-margaid(h) chòmhdaichte
- dead end = no through road = cul-de-sac > cùil-dhùinte
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

tapadh leibh!

b'e a bha 'e dhìth orm am facal "gay" anns a' chiall "a gay person" (noun)
Am faodar seo ràdh "'s e gèidh a th' ann"? neo an e adjective a tha ann?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by GunChleoc »

'S e buadhair (adjective) a th' ann http://www.faclair.com/?txtSearch=gay
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

Tapadh leibh
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Seonaidh »

An ann cinnteach a tha thu GC?

'S ann <buadhair> a tha i/e
'S e <ainmear> a th' ann/innte

Mar sin, 'S ann gèidh a tha i/e, no 'S ann co-seòrsach a th' ann/innte

Puing eile - dè an Fhraingis air "cul-de-sac"? - "voie sans issue"!
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

Tapadh leibh.
Sa Fhraingis theirear cul de sac, impasse neo voie sans issue.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Thrissel »

Chuireadh e iongnadh orm mura biodh "gèidh" an dà chuid na bhuadhair agus na ainmear, mar a tha "co-sheòrsach" (leis an iar-leasachan "-ach") agus mar a tha "gay" sa Bheurla, oir chan eil e ach an aon fhacal san litreachas Ghàidhlig.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by akerbeltz »

Chuala mise e mar bhuadhair a-mhàin gu ruige seo, duine gèidh ma tha ainmear a dhìth.
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

Dà chèist ùra, mas e ur toil e:

dè man a chanar "never" anns an tràth làthaireach? mar eisimpleir:
I never eat fish
we never know at what time he comes home
amsaa...

Dè man a chlaonar na buadhairean a chrìochnaicheas le -eil/-ail?
- genitive feminine
- nominative plural
- genitive plural

taigh na mnà cridheile??
na daoine cridheala? cridheile?
taigh nan daoine cridheil? cridheile? cridheala?

cha d'fhuair mi sin anns na leabhraichean agam :(

mòran taing! :achlais:
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by faoileag »

Never:
In the past 'riamh', or 'a-riamh'.
Cha robh riamh fios againn dè an uair a thilleadh e dhachaigh.

Future: 'a-chaoidh'
Cha till e a-chaoidh - he will never return.

Otherwise I would say 'uair sam bith' + neg. verb:
Chan ith mi iasg uair sam bith.

Beachdan eile? :P

Buadhairean:

According to strict grammar-book rules:

-a in plural only on one-syllable adjectives.
Lenition of adjectives in plural only after nouns with slender last syllable.
No other changes in plural adjectives (even if genitive).

Feminine singular genitive - adjective slenderises in sync with the noun, adds -e if single-syllable, doesn't lenite.
taigh na caileige bige
taigh na caileige cridheil

Beachdan eile? :P

See full table here : http://akerbeltz.org/images/6/6b/Na_Tui ... 3%B2s_.pdf

(Akerbeltz)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by akerbeltz »

Tha Faoileag ceart ach cuimhnich gu bheil an nòs ùr ann cuideachd.

A bharrachd air sin, tha an -a ud a' dol a dhìth gu tric ma tha
- fuaimreag eile a' tighinn 'na dhèidh m.e. na daoine mòr(a) a bh' ann
- e aig deireadh abairt, m.e. bha iad sna h-eaglaisean mòr(a)
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by Lughaidh »

Tapadh leat airson "never" sa tràth làthaireach.
Ma dheidhinn nam buadhairean, tha fhios agam sin ma thà :)
Bha mi a' cuir cèiste ma dheidhinn nam faclan a chrìochnaicheas le -eil agus -ail :) (cridheil amsaa)
Agus chan eil iad san docamaid a chuir thu ann. Nach atharraich -eil/-ail uair sam bith? Ach chunnaic mi anns an Fhaclair Bheag gun urrainn -e a chuir 'nan deireadh, ach chan eil fhios agam cùine... :(
JLBeale
Posts: 49
Joined: Fri Sep 21, 2012 3:50 pm
Language Level: neach-ionnsachaidh
Location: Toronto, Canada

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Unread post by JLBeale »

Agus chan eil iad san docamaid a chuir thu ann. Nach atharraich -eil/-ail uair sam bith? Ach chunnaic mi anns an Fhaclair Bheag gun urrainn -e a chuir 'nan deireadh, ach chan eil fhios agam cùine... :(
Dhan bhuadhair choimeasach 's fheabhasach cleachdaidh sibh an deireadh leis '-e':

-Bhiodh iad nas cridheile...
-Is i a' chaileag sin as cridheile anns a' dhròbh...
Post Reply