Page 2 of 6

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Sun Apr 14, 2013 3:50 pm
by Lughaidh
Tapadh leat, agus sa phlural (daoine cridheile?) agus sa genitive singular feminine (taigh na mnà cridheile??)??

Cèistean eile: dè man a chanar:

kiwi (am meas) & kiwis
car's horn
to sound the horn (of a car)
?

tapadh leibh!

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Sun Apr 14, 2013 4:28 pm
by JLBeale
Tapadh leat, agus sa phlural (daoine cridheile?) agus sa genitive singular feminine (taigh na mnà cridheile??)??
Bhon brath mu dheireadh Fhaoileig:
According to strict grammar-book rules:

-a in plural only on one-syllable adjectives.
Lenition of adjectives in plural only after nouns with slender last syllable.
No other changes in plural adjectives (even if genitive).
Mar sin chan eil '-e' ann:

daoine cridheil / taigh na mnà cridheil
Cèistean eile: dè man a chanar:

kiwi (am meas) & kiwis
car's horn
to sound the horn (of a car)
?

tapadh leibh!
Chan eil mi cinnteach ach 's dòcha rudeigin coltach ri:

- an kiwi / na kiwi = the kiwi / the kiwis
- Bha dùdach càir a' dol = A car's horn was blowing.
- Bha dùdach a' chàir a' dol = The car's horn was blowing.
- Cha seinn an dùdach aig a' chàr. = The car won't blow its horn.
....

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Sun Apr 14, 2013 4:37 pm
by Lughaidh
tapadh leat.
Dè man a chanar "the driver is blowing his horn / is beeping" ?

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Sun Apr 14, 2013 8:36 pm
by faoileag
Lughaidh wrote:Tapadh leat airson "never" sa tràth làthaireach.
Ma dheidhinn nam buadhairean, tha fhios agam sin ma thà :)
Carson a chuir thu a' cheist mar sin? :?
Dè man a chlaonar na buadhairean a chrìochnaicheas le -eil/-ail?
- genitive feminine
- nominative plural
- genitive plural
Bha mi a' cuir cèiste ma dheidhinn nam faclan a chrìochnaicheas le -eil agus -ail :) (cridheil amsaa)
Fhreagair mi a' cheist sin anns a' cho-theacsa a thug thu, agus chuir mi ùine mhath seachad air.


@ Akerbeltz: sgrìobh mi "'According to strict grammar-book rules:" :spors:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Mon Apr 15, 2013 3:20 am
by Lughaidh
Carson a chuir thu a' cheist mar sin?
chuir mi cèist ma dheidhinn nam buadhairean le -eil agus thugadh freagairt dhomh ma dheidhinn a' bhuadhair "mòr"...

Agus bu chaomh leam bhith cinnteach ma dheidhinn declension le -eil, oir tha fhios agam gum bi 2 dhòigh, air uairibh, seann dòigh agus dòigh nuadh leis an genitive (na caileige / na caileig... ; circa bàine / circe bhàin...), mar sin cha robh mi cinnteach gur h-e riaghailt universal a thug thu dhomh... (agus cho math leis sin, tha Gàidhlig na h-Èireann agam agus bha e neònach agam gun lide eile a chuir ann an deireadh 'n bhuadhair sa phlural: canar "croíúil > croíúla" ann an Èirinn, gu h-àraid ma chuirear fear sa chomparative!)

Gabh mo leisgeul ma shaoileas tu gun do chaill thu ùine gham fhreagairt :naire:

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Mon Apr 15, 2013 12:19 pm
by akerbeltz
Ma tha am buadhair nas fhaide na lide, cha nochd -e san iolra idir ach bidh -e san tuiseal ghinideach fhathast ma tha thu leantainn na seann dòigh, m.e.

duine cridheil > daoine cridheil
caileag chridheil > caileagan cridheil
ach ad na caileige cridheil

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Tue Apr 16, 2013 2:38 pm
by Lughaidh
Ceart gu leòr, tapadh leat :)

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Tue Apr 16, 2013 4:02 pm
by faoileag
Lughaidh wrote:
Carson a chuir thu a' cheist mar sin?
chuir mi cèist ma dheidhinn nam buadhairean le -eil agus thugadh freagairt dhomh ma dheidhinn a' bhuadhair "mòr"...
:?:

Fhreagair mi do cheist, le riaghailtean (aon lide, barrachd air aon lide etc) agus fiù 's le eisimpleir 'chridheil'.

Ach coma co-dhiù. :?

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Wed Apr 17, 2013 4:09 pm
by Lughaidh
Tha mi duilich.

Co-dhiù, bha cèist eile agam nach d'fhuair freagairt:

Dè man a chanar "the driver is blowing his horn / is beeping" ?

tapadh leibh

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Wed Apr 17, 2013 10:47 pm
by Seonaidh
A Leòdhais - dè tha thu a' ciallachadh? "Dè man a chanar..." Rudeigin mar "Plemañ" 's dòcha? Sin e, "Dè an àite anns an canar..." no, gu simplidh, "Càit' an canar..." Nas fèàrr, 's dòcha, "Cuin a chanar..." Co-dhiù, "The driver is blowing his horn | is beeping": ma thèid seo a sgrìobhadh sa Bheurla mar seo, 's e rudeigin a tha a' tachairt an-dràsta fhèin. Nuair a chanas "The driver blows his horn | beeps" mar as àbhaist chan eil e a' tachairt an-dràsta idir - 's dòcha rudeigin mar "To get the attention of the gatekeeper, the driver beeps". An seo, bhiodh Gàidhlig a' cleachdadh an trath teachdail.

"I'll go to town on Tuesday" - "Bidh mi a' dol dhan bhaile Dimàirt"
"I'm going to town on Tuesday" - "Bidh mi a' dol..."
"I go to town on Tuesdays" - "Thèid mi dhan bhaile Dimàirt"
"I'm going to town" - Tha mi a' dol dhan bhaile" (m.e. ma tha cuideigin ag ràdh, "Dè tha thu a' dèanamh?")

Tha mi 'n dòchas gu bheil seo ceart.

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Wed Apr 17, 2013 11:20 pm
by faoileag
A Sheonaidh,
Tha mi à smaoineachdh gur e 'Ciamar' a tha e a' ciallachadh, sin 'Dè mar' san dualchainnt Leòdhaiseach.

A Lughaidh,
Nach fheuch thu ri sin a thogal thu fhèin, às na pàirtean a thug JL Beale dhut gu h-àrd? (14 den Ghiblean)

Chan e faclairean beò a th'' annainn - feumaidh sinne feuchainn ri an leithid fhaighinn a-mach cuideachd. :mhoire:

Ma mholas tu rudeigin, 's urrainn do dhaoine eile obair air cuideachd.

Tip:

Seall ann am Faclair Bheag fo 'blow' agus lorg eisimpleir le ' horn'.

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Thu Apr 18, 2013 1:49 pm
by Lughaidh
A Leòdhais - dè tha thu a' ciallachadh? "Dè man a chanar..."
Dè man = ciamar, ann an dualchainnt Leòdhais -- sin an dualchainnt bu chaomh leam-sa a bhruidhinn.
Co-dhiù, "The driver is blowing his horn | is beeping": ma thèid seo a sgrìobhadh sa Bheurla mar seo, 's e rudeigin a tha a' tachairt an-dràsta fhèin. Nuair a chanas "The driver blows his horn | beeps" mar as àbhaist chan eil e a' tachairt an-dràsta idir - 's dòcha rudeigin mar "To get the attention of the gatekeeper, the driver beeps". An seo, bhiodh Gàidhlig a' cleachdadh an trath teachdail.
ok, tha mi a' tuigs. Co-dhiù, is coma, oir 's e an verb a tha de dhìth orm, mar sin is coma dè dealbh an verb anns an t-seantans, chì mi dè'n verb a tha ann :)
Nach fheuch thu ri sin a thogal thu fhèin, às na pàirtean a thug JL Beale dhut gu h-àrd? (14 den Ghiblean)
is urrainn leis an t-seantans sin bhith eadar-dhealaichte o na thug JL Beale: verb eadar-dhealaichte neo rudeigin...
Chan e faclairean beò a th'' annainn - feumaidh sinne feuchainn ri an leithid fhaighinn a-mach cuideachd. :mhoire:
tha fhios agam nach e faclairean sibh, ach nuair nach fhaigh mi na faclan ann am faclair sam bith (tha tòrr fhaclan agam ge-tà!), dè man a b'urrainn dhomh a dhèanamh? Chan eil Gàidheal sam bith na chomhnaidh annasheo :( chan eil fhios agam cò air an cuirinn mo chèistean
Seall ann am Faclair Bheag fo 'blow' agus lorg eisimpleir le ' horn'.
a, tapadh leat... an uair sin rannsaich mi nam fhaclairean pàipeir agus cha d'fhuair mi càil :( Air an àbhaist rannsaichidh mi ann an gach uile faclair ach an uair seo cha do rinn mi e, chan eil fhios agam càrson

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Thu Apr 18, 2013 7:27 pm
by JLBeale
Ma dh'fhaoidte:

Tha an draibhear a' dèanamh toirm mhath leis clagadh na dùdaiche.

...

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Fri Apr 19, 2013 3:49 am
by Lughaidh
Tapadh leat :)

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh

Posted: Fri Apr 19, 2013 2:51 pm
by akerbeltz
Tha draibhear a' chàr a' seinn/seirm na dùdaich
leis clagadh na dùdaiche.
> le clagadh na dùdaich(e) (you had two definite articles in there) but clagadh is more like a dingling sound that a bell makes so unless you have a very odd car horn, I'd not use that word but there's all sorts of cars :)