Moscobha

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Moscobha

Unread post by poor_mouse » Wed Jan 15, 2014 1:27 pm

Seo na tha ar bana-charaid à Moscow air tairgsinn mar thar-litreachadh airson a' bhaile aice: Moscobha.
Cha chreid mi nach eil mòran daoine a tha ag aontachadh leatha.

Tha iad den bheachd gum bi e [mos 'ko va] (the stress falls on the second syllable by default), ach chan eil fios 'am am bi seo ceart?

Dè na beachdan a tha agaibh air?


Eilidh -- Luchag Bhochd

Níall Beag
Rianaire
Posts: 1353
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Cofhurtail (chan ann bho thùs)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Moscobha

Unread post by Níall Beag » Wed Jan 15, 2014 6:18 pm

Dé an Ruisis a tha air "Edinburgh"? Bhiodh e na iongnadh mór ormsa ma bhiodh cuideam air "ed" mar anns a' Bheurla, air sgàths nach e an diog seo an dara cuid mu dheireadh no ro-dheireadh, agus sin mar a tha an Ruisis.

Agus tha a chuid riaghailtean fhéin aig a Gàidhlig a thaobh cuideam, 's an réir-san, 's ann air a' chiad diog a tha an cuideam.

Co-dhiubh, a-réir am Faclair Beag, chan e a-mháin gun do chaill an darna diog an cuideam, ach gu bheil an darna diog air a chall gu tur -- 's e "Mosgbha" a tha aca air...!

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Moscobha

Unread post by poor_mouse » Wed Jan 15, 2014 6:51 pm

...agus Mosgo cuideachd.

Seadh, 's e Эдинбург a tha againne air san Ruisis.
Eilidh -- Luchag Bhochd

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4450
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Moscobha

Unread post by GunChleoc » Fri Jan 24, 2014 10:08 am

Is "Moscobha" an tar-litreachadh as coltaiche a gheibh thu sa Ghàidhlig airson an fhuaimneachaidh san Ruisis. Chan urrainn dhut am beum air an dàrna lide mu dheireadh a shealtainn, on nach eil a leithid rud sa Ghàidhlig o thùs. Bhiodh "Moscòbha" cearr air sgàth 's nach eil fuaimreagan fada san Ruisis, a bheil? Tha an t-aon trioblaid air an fhacal coimpiutair, mar eisimpleir - Tha beum air u a-rèir nòs na Beurla fhathast 's a' briseadh riaghailtean fuaimneachaidh na Gàidhlig, ach cha ghabh seo a shealltainn air sgàth 's gu bheil an u goirid.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Moscobha

Unread post by Seonaidh » Sun Jan 26, 2014 12:31 am

Tha cuimhne agam air rudeigin coltach ri "MOCKBA" a leughadh, le fuaim 's dòcha "MASKVYA". Cuideachd bha "The Duchy of Muscovy" ann uaireigin. Agus 's ann a tha àite ann an Alba leis an ainm "Moscow" - faisg air Stockholm ann an Siorrachd Dhùn Fris no Gall-Ghaillibh: chan eil mi eòlach air cruth Gàidhlig air.

Ma bhios tu airson a bhith "cinneachail", 's dòcha gun dèan "Mosgbha" an gnothach. Ma bhios tu airson facal fhaighinn a bhios coltach ris a' Bheurla, "Mosgo". Chan eil mi eòlach air ciall Mhockba - nach e ainm aibhne a th' ann?

A thaobh "Moscobha", cha toil leis a' Ghàidhlig "sc". Tachraidh "sc" sa Ghaeilge agus sa Ghailck (agus "sk"), ach 's e "sg" sa Ghàidhlig. Bhiodh "Mosgobha" car coltach ri "Muscovy", 's dòcha.

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Moscobha

Unread post by poor_mouse » Mon Jan 27, 2014 12:46 pm

Seadh, 's e "Москва" a tha air an dà chuid a' bhaile agus an abhainn an siud. Ach 's beag a dh'fhios dè tha an t-ainm seo a' ciallachadh.

Bha "Московия" (Mosgovia) air an Ruis mar ainm Laideann anns na dùthchannan eile uair air choireigin, ach chan ann san Ruisis a bha an t-ainm seo.

A dh'aindeoin sin, 's dòcha gun robh [Ъ] ~ [ə] san ainm seo: [moskəv'a], ged a chaill sinne am fuaimean lùghdaichte (reduced) gun bheum.
Mar sin, chan chreid mi nach bi Moscobha / Mosgobha gu math iomchaidh.

(Tha am beum aig an fhuaim mu dheireadh ann san Ruisis).
Eilidh -- Luchag Bhochd

Post Reply