Page 1 of 2
An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sat Mar 01, 2014 2:10 pm
by An Gobaire
Dè tha ceart?
Chanainn air thuairmse gu bheilear ag ràdh:
thar an dà chlaidheamh
Ach, tha mi gabhail iongnadh nach e
thar an dà chlaidheimh
an gràmar ceart. Ma tha sibh cinnteach às, dè ur beachd? No, mura bheil sibh cinnteach, dè ur barail?
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sat Mar 01, 2014 5:23 pm
by akerbeltz
Cha robh "dà" ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich a-riamh. Bhitheadh e ag adhbharachadh an tuiseil tabhartaich ach 's ann le ainmearan boireann a-mhàin. Tha claidheamh fireann agus leis a sin, chan fhaigheadh tu *dà chlaidheimh aig àm sam bith.
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sat Mar 01, 2014 7:29 pm
by Seonaidh
Ach, nach obraich "dà" mar bhuadhair an seo? Tha mi cinnteach gum biodh "mo chlaidheimh", "deagh chlaidheimh" ceart gu leòr an dèidh, m.e. "mu dheidhinn".
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sat Mar 01, 2014 7:31 pm
by An Gobaire
Chan ann mu dheidhinn "dà" leis fhèin a tha mo cheist.
Gheibhear an tuiseal ginideach an dèidh
"thar"...ach b' e mo cheist: a bheil dà a' bacadh an tuiseil ghinidich an dèidh
thar?
e.g. Leum iad thar a' chlaidheimh.
Leum iad thar an dà chlaidheamh.
Tha mi a' tomhas gu bheil e a' bacadh an tuiseil ghinidich an seo, ach chan eil mi cinnteach...
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sun Mar 02, 2014 1:12 am
by akerbeltz
Hm ged a tha mi agad a-nis feumaidh mi aideachadh nach eil sgot agam
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sun Mar 02, 2014 1:16 pm
by An Gobaire
Ach, nach obraich "dà" mar bhuadhair an seo? Tha mi cinnteach gum biodh "mo chlaidheimh", "deagh chlaidheimh" ceart gu leòr an dèidh, m.e. "mu dheidhinn"
feuchamaid e ma-tà....:
mu dheidhinn na ceiste.... ceart gu leòr
mu dheidhinn na dà cheiste.... chan eil coltas ceart air seo...no a bheil?
feuchamaid seo....
mu dheidhinn an dà cheist(e?) (coimhead nas fheàrr na mo bharail-sa....ach fhathast...chan eil mi cinnteach...'s seo na chanainn ann an còmhradh ach....a bheil e ceart?)
dè ur barail-ne?
'S e an rud a tha gam fhàgail iomrall gu bheil riochdan sònraichte (singilte, sèimheachadh) an dèidh na h-àireimh "dà" i fhèin...
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sun Mar 02, 2014 1:49 pm
by GunChleoc
Uill, nach dèanamaid coimeas ri "aon" agus "trì"?
Achadh an aon bhà / nan trì bò (ginideach), no:
Achadh an aon bhò / nan trì bà (bunasach)?
No dè mu dhèidhinn "iomadh"
achadh iomadh bò/bà?
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Sun Mar 02, 2014 11:57 pm
by An Gobaire
Achadh na dà bhà.....ma-tà.
Cinnteach às a-nis, oir tha mi a' toirt sùil ann an cùrsa gràmair Ruairidh Mhicilleathain, agus e ag ràdh:
"Fear an dà choin"; "fear an dà choin mhòir", "tè na dà chirce" "tè na dà chirce bige".
Hmm 's e "achadh nam bò a th' ann."
Mar sin, "achadh nan trì bò"
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 12:13 am
by An Gobaire
Mar sin dheth,
's e : "mu dheidhinn na dà cheiste" a th' ann.
Sin an gràmar ceart a rèir Mhicilleathain. Ach, tha mi glè chinnteach nach lean a h-uile Gàidheal an dòigh seo...
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 1:48 am
by akerbeltz
cha chreid mi gu bheil sin ceart. chan eil na riaghailteach àbhaisteach ag obair ri linn nan àireamhan, mar eisimpleir, ged a tha duine fireann, canar an aon duine (seach an t-aon duine) mar is trice is msaa. Agus cha do lorg mi gu ruige seo (a thaobh àireamhan san tuiseal ghinideach) ach an + dà, cha leig thu leas ach "an dà" a chur a-steach dhan Fhaclair Bheag. Chan eil fiù dad aig Dwelly.
Ach a dh'aindeoin sin, chan eil mi cinnteach dè thachras mas e roimhear a tha ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich. Chunna mi eadar an dà chois san FB ge-tà agus chanainn, is dòcha, gun gabh an tuiseal a chomharradh ann an suidheachadh mar.
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 10:13 am
by An Gobaire
cha chreid mi gu bheil sin ceart. chan eil na riaghailteach àbhaisteach ag obair ri linn nan àireamhan, mar eisimpleir, ged a tha duine fireann, canar an aon duine (seach an t-aon duine) mar is trice is msaa. Agus cha do lorg mi gu ruige seo (a thaobh àireamhan san tuiseal ghinideach) ach an + dà, cha leig thu leas ach "an dà" a chur a-steach dhan Fhaclair Bheag. Chan eil fiù dad aig Dwelly.
Uill, mura bheil thu cinnteach, tha cho math dhut gabhail ris a' ghràmar cheart aig R.Macilleathain mur faigh thu a-mach nach eil e ceart. Chanainn gu bheil e gu math "traidiseanta" a' coimhead.
Ach a dh'aindeoin sin, chan eil mi cinnteach dè thachras mas e roimhear a tha ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich. Chunna mi eadar an dà chois san FB ge-tà agus chanainn, is dòcha, gun gabh an tuiseal a chomharradh ann an suidheachadh mar.
Cha ghabh "
eadar" an tuiseal roimhearach no an tuiseal ginideach, ach gabhaidh e an tuiseal ainmearach.
Tha faclan mar "cas" no "bas" a' gabhail "riochd dhùbailte" an dèidh "dà". E.g. dà bhròig, dà chois, dà uinneig, dà chluais, dà chloich, dà chirc. Sin an aon riochd ris an tuiseal roimhearach, ged nach e an tuiseal roimhearach a th' ann.
Gaelic in 12 weeks, t-d 112
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 10:37 am
by GunChleoc
'S dòcha gum bris an t-alt riaghailtean an tuiseil ginidich ach gun lean an t-ainmear an tuiseal fhathast? Achadh an dà bhà, 's dòcha?
Is dè mu dhèidhinn "ath"? Tha mi mì-chinnteach a-nis, an e "an t-ath fhear" no "an ath fhear" a th' ann?
An Gobaire wrote:Uill, mura bheil thu cinnteach, tha cho math dhut gabhail ris a' ghràmar cheart aig R.Macilleathain mur faigh thu a-mach nach eil e ceart. Chanainn gu bheil e gu math "traidiseanta" a' coimhead.
Chanainn-sa gu bheil seo a' crochadh air an stoidhle/dualchainnt is msaa a tha thu airson cleachdadh.
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 12:19 pm
by akerbeltz
Tha faclan mar "cas" no "bas" a' gabhail "riochd dhùbailte" an dèidh "dà". E.g. dà bhròig, dà chois, dà uinneig, dà chluais, dà chloich, dà chirc. Sin an aon riochd ris an tuiseal roimhearach, ged nach e an tuiseal roimhearach a th' ann
Duilich, tha sin ceart san t-seann nòs, dhìochuimhnich mi sin
Cha robh mi ann an imcheist a thaobh dà > àireamh shingilte i.e. an dà vs na dà - 's e cleachdadh an tuiseil ghinidich san t-sreadh thar + dà nach robh mi cinnteach mu dhèidhinn
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 2:10 pm
by An Gobaire
Is dè mu dhèidhinn "ath"? Tha mi mì-chinnteach a-nis, an e "an t-ath fhear" no "an ath fhear" a th' ann?
Obh, obh...chan eil mise...ach tha thu a-nis a' fàgail ceist eile agam
an t-ath fhear; leis an ath fhear
an ath bhean; leis an ath bhean/mhnaoi
an ath shràid, leis an t-ath shràid
Ceart gu leòr.....ach
an e : "An ath thè" no "An ath tè"?
Chanainn gur e "an ath tè" agus gur e mura-bhith a th' ann don riaghailt sèimheachaidh. Ceart no ceàrr?
Re: An Ginideach an dèidh 2
Posted: Mon Mar 03, 2014 2:13 pm
by An Gobaire
Duilich, tha sin ceart san t-seann nòs, dhìochuimhnich mi sin
.
THa iad seo mar fhuigheall den t-seann nòs air fhàgail ann an Gàidhlig an latha an-diugh:
dà chois, dà bhois, dà bhròig