Chanainn air thuairmse gu bheilear ag ràdh:
Ach, tha mi gabhail iongnadh nach ethar an dà chlaidheamh
an gràmar ceart. Ma tha sibh cinnteach às, dè ur beachd? No, mura bheil sibh cinnteach, dè ur barail?thar an dà chlaidheimh
Ach, tha mi gabhail iongnadh nach ethar an dà chlaidheamh
an gràmar ceart. Ma tha sibh cinnteach às, dè ur beachd? No, mura bheil sibh cinnteach, dè ur barail?thar an dà chlaidheimh
e.g. Leum iad thar a' chlaidheimh.
Leum iad thar an dà chlaidheamh.
Ach, nach obraich "dà" mar bhuadhair an seo? Tha mi cinnteach gum biodh "mo chlaidheimh", "deagh chlaidheimh" ceart gu leòr an dèidh, m.e. "mu dheidhinn"
Uill, mura bheil thu cinnteach, tha cho math dhut gabhail ris a' ghràmar cheart aig R.Macilleathain mur faigh thu a-mach nach eil e ceart. Chanainn gu bheil e gu math "traidiseanta" a' coimhead.cha chreid mi gu bheil sin ceart. chan eil na riaghailteach àbhaisteach ag obair ri linn nan àireamhan, mar eisimpleir, ged a tha duine fireann, canar an aon duine (seach an t-aon duine) mar is trice is msaa. Agus cha do lorg mi gu ruige seo (a thaobh àireamhan san tuiseal ghinideach) ach an + dà, cha leig thu leas ach "an dà" a chur a-steach dhan Fhaclair Bheag. Chan eil fiù dad aig Dwelly.
Ach a dh'aindeoin sin, chan eil mi cinnteach dè thachras mas e roimhear a tha ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich. Chunna mi eadar an dà chois san FB ge-tà agus chanainn, is dòcha, gun gabh an tuiseal a chomharradh ann an suidheachadh mar.
Chanainn-sa gu bheil seo a' crochadh air an stoidhle/dualchainnt is msaa a tha thu airson cleachdadh.An Gobaire wrote:Uill, mura bheil thu cinnteach, tha cho math dhut gabhail ris a' ghràmar cheart aig R.Macilleathain mur faigh thu a-mach nach eil e ceart. Chanainn gu bheil e gu math "traidiseanta" a' coimhead.
Duilich, tha sin ceart san t-seann nòs, dhìochuimhnich mi sinTha faclan mar "cas" no "bas" a' gabhail "riochd dhùbailte" an dèidh "dà". E.g. dà bhròig, dà chois, dà uinneig, dà chluais, dà chloich, dà chirc. Sin an aon riochd ris an tuiseal roimhearach, ged nach e an tuiseal roimhearach a th' ann
Obh, obh...chan eil mise...ach tha thu a-nis a' fàgail ceist eile agamIs dè mu dhèidhinn "ath"? Tha mi mì-chinnteach a-nis, an e "an t-ath fhear" no "an ath fhear" a th' ann?
.Duilich, tha sin ceart san t-seann nòs, dhìochuimhnich mi sin