Page 1 of 1

am fear a chunnaic Iain

Posted: Mon Nov 17, 2014 9:06 am
by poor_mouse
'S dòcha tha mi ro ghòrach, ach...
Thachair dhomh mì-thuigsinn air a dhèanamh a' leughadh rud mar "X a chunnaic Y", agus dh'èirich a' ceist seo agamsa.

Chunnaic am fear sin Iain an-dè >> Seo am fear a chunnaic Iain an-dè.
Chunnaic Iain am fear sin an-dè >> Seo am fear... ???

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Tue Nov 18, 2014 12:06 am
by faoileag
An aon rud. Tuigidh sinn bhon cho-theacsa e.

Nam biodh an suidheachadh tro mhì-shoilleir, chanadh tu air dòigh eile e, leithid "Am fear ud, chunnaic Iain an-dè e. / Siud am fear agus Iain air fhaicinn an-dè."

Sin seòrsa rudan a chuala mi fhìn - ach bhiodh e math cluinntinn dè bhios ar "eòlaichean" ag ràdh. :priob:

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Tue Nov 18, 2014 8:48 am
by poor_mouse
Mòran taing! Chan eil mi cho gòrach 's a bha mi den bheacd, ma-tà. :)

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Tue Nov 18, 2014 12:58 pm
by GunChleoc
Tha coltas ciallach dhomh air na thuirt faoileag.

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Wed Nov 19, 2014 10:17 am
by poor_mouse
Tha eagal orm nach tuig mi seo. Cha coltas ciallach? A bheil do bheachd eadar-dhealaichte?

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Wed Nov 19, 2014 8:41 pm
by Níall Beag
GunChleoc wrote:Cha coltas ciallach dhomh air na thuirt faoileag.
Dé tha ceàrr air?

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Wed Nov 19, 2014 11:01 pm
by faoileag
Tha mi 'n dòchas gu bheil 'Cha' na typo air 'tha'... :spors:

Air neo bhiodh " Chan eil" ann.

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Thu Nov 20, 2014 11:42 am
by poor_mouse
Tha agus mise. :D

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Thu Nov 20, 2014 12:19 pm
by GunChleoc
'S e, 's e typo a th' ann a nì mi gu tric :naire:

Chuir mi gu ceart e.

Eadar 2 sgeul, taing dhan Ghàidhlig, cuiridh mi fuaimreagan a bharrachd ris gu tric nuair a bhios mi a' sgrìobhadh ann an cànan eile :lol:

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Fri Nov 21, 2014 12:23 pm
by poor_mouse
:) "mouise" amsaa...

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Fri Nov 21, 2014 6:52 pm
by GunChleoc
Sin dìreach :lol:

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Sat Nov 22, 2014 12:42 am
by Seonaidh
poor_mouse wrote::) "mouise" amsaa...
An ann mar seo a chruthaicheadh an t-ainm "Louise"? :)

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Tue Nov 25, 2014 12:56 pm
by poor_mouse
'S dòcha gur ann (a bheil an fhreagairt seo ceart?); tha e glè choltach ris an fhacal Ghàidhlig. :)

Re: am fear a chunnaic Iain

Posted: Wed Dec 10, 2014 10:26 am
by GunChleoc
poor_mouse wrote:'S dòcha gur ann (a bheil an fhreagairt seo ceart?)
Tha :)