
Dar a chleachdar 'air' gus comharrachadh gun deach rudeigin a choileanadh, cha tèid an t-ainmear às a dhèidh dhan tuiseal thabhartach, thoradh chan eil e ag obair mar roimhear sìmplidh san t-suidheachadh sin, ME:
"Tha Seonaidh air an t-aran fhuineadh." seach "Tha Seonaidh air an aran fhuineadh."
"Bha an cù air an uinneag a chàradh." seach "Bha an cù air an uinneig a chàradh."
Cleachdar cuideachd 'às dèidh'/'an dèidh' gus sealltainn gun deach gnìomh a choileanadh bho chionn ghoirid ach san t-suidheachadh 'sònraichte' seo, am bu chòir dhan ainmear a thig às a dhèidh a bhith san tuiseal bhunasach no ginideach? ME:
"Bha an duine às dèidh an ceapaire ithe" air no "Bha an duine às dèidh a' cheapaire ithe"?
"Tha iad às dèidh an naidheachd a chraobh-sgaoileadh" no "Tha iad às dèidh na naidheachd a chraobh sgaoileadh"?
Tha mi thall thairis an-dràsta 's a' dol às mo chiall a' feuchainn ris an fhreagairt cheart a lorg le bhith sainnsearachd diofar abairtean rium fhèin. Tha feagal orm gum bi daoine a' smaoineachdainn gu bheil mi air mo bhuadhan a chall agus a-rèiste, mòran taing airson ur cuideachaidh!