Page 1 of 1

Faclan Fada

Posted: Wed Jun 20, 2018 12:14 am
by MacFhraing
Beagan spòrsa (air no geekaireachd) dhuibh - dè am facal Gàidhlig as fhaide a th' agaibh, gu h-àraidh a thaobh lidean?

Tha còig ann an 'dìochuimhnicheamaid', ach chunnaic mi am facal 'spagadagliog' ann an leabhar an latha eile, agus e a' ciallachadh rudeigin mar 'spaidsearachd stràiceil', agus shaoil leam am b' urrainnear 'spagadagliogamaid' a chruthachdainn? Tha mi mothachail nach eil am facal a' dol le GOC, ach 's ann ro thric a tha GOC air mo spòrs a mhilleadh! :priob:

Faclan Fada

Posted: Sat Jun 23, 2018 9:33 am
by An Gobaire
A bheil faclan fillte no ainmean-àite air an ceadachadh?

Faclan Fada

Posted: Sat Jun 23, 2018 10:48 am
by akerbeltz
Tha tàthan a dhìth, spagada-gliog, tha am beum air GLIOG.

Faclan Fada

Posted: Sat Jun 23, 2018 11:26 am
by akerbeltz
Tha an fhreagairt, a bharrachd air sin, a' crochadh air ceist an tàthain agus nam faclan ùra. Ma tha tàthain ceadaichte ann an cunntadh faid an fhacail, 's e shinn-seachad-sinn-seanmhairean-san am facal as fhaide a tha san Dearbhair Beag aig an ìre-sa. Mur eil ach ma tha faclan ùra ceadaichte, 's e Ghàidheileamailteachaibh am facal as fhaide a th' ann. Ma tha asgair ceadaichte, tha dh'ionndrainnicheamaid gu h-àrd an-siud. An uairsin tha sloinnidhean ann mar MhicGilleSheathanaich neo MhicFhlaithbheartaich. An uairsin, am measg nam faclan "loma", tha dealbhadaireachdaibh, dheimhinneachaidhean, pheanaisteachaidhean, ghairistinnicheamaid, dhìochuimhnicheamaid is msaa (20 litrichean) agus beagan a bharrachd aig 19 mar fhàidheadarachdaibh, dìochuimhnicheamaid (mar a bha aig MacFhraing) is msaa.

Chan eil uiread a dh'fhaclan fada aig a' Ghàidhlig really, a' mhòr-chuid (a' fàgail feadhainn le tàthanan às) nas giorra na 15 litrichean. Fada nas giorra na Gearmailtis.

Faclan Fada

Posted: Sat Jun 23, 2018 6:07 pm
by MacFhraing
Ah ceart, cha chuala mi spagada-gliog aig duine a-riamh ach chunnaic mi ann an seann leabhar gun tàthan e.

Gu dè tha Ghàidheileamailteachaibh a' ciallachadh?

Faclan Fada

Posted: Sat Jun 23, 2018 6:37 pm
by akerbeltz
Feuch am Faclair Beag, bhiodh sin spagadagliog » spagada-gliog a lorg dhut cuideachd 8-)

Faclan Fada

Posted: Sun Jun 24, 2018 12:21 pm
by MacFhraing
Haha! Glè mhath!

Faclan Fada

Posted: Mon Jun 25, 2018 9:34 am
by GunChleoc
Dhan fheadhainn aig a bheil beagan Gearmailtis...



Gàidhealmailteach = Gearmailteach aig a bheil a' Ghàidhlig