Page 1 of 1

Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Sat Dec 14, 2019 2:52 pm
by Gràisg
Feasgar math a chàirdean,

Fada bhon uair sin.

Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt son adhbharan poilitigeach. A bheil fios aig duine sam bith air seanfhaclan, gnàthasan-cainnt, msaa, a dh ’obraicheadh ​​nas fheàrr na eadar-theangachadh sìmplidh de “Our time will come”?

Am obraicheadh "thig an da latha" idir?

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Sun Dec 15, 2019 11:49 am
by akerbeltz
Tha an abairt tha latha a' choin duibh gun tighinn fhathast (tha caochladh no dhà dheth ann) ann agus dh'obraicheadh sin

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Sun Dec 15, 2019 4:12 pm
by An Gobaire
Se
"Thig ar latha"
as fhasa.

Tha e a' ciallachadh an aon rud ri "Our time will come" agus tha e nas giorra!

Se sin an sluagh-gairm aig Sinn Féin ann an Èirinn, nach e?
Tiocfaidh ár lá

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Mon Dec 16, 2019 3:29 pm
by Gràisg
Tapadh leibh a chàirdean, tha sin feumail, agus cuiridh mi am fiosrachadh sin thuca.

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Tue Jan 28, 2020 11:39 am
by Gràisg
Thachair mi air: "Thèid an latha leinn".

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Tue Jan 28, 2020 6:35 pm
by Níall Beag
Gràisg wrote:
Tue Jan 28, 2020 11:39 am
Thachair mi air: "Thèid an latha leinn".
Is that not more like saying who's going to win a battle, the day in this case being the day of the battle...?

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Wed Feb 19, 2020 2:15 pm
by GunChleoc
Dhomh-sa dheth, tha coltas nas nàdarraiche air "Thig ar latha" sa cho-theacs seo. Ach bhiodh "Thèid an latha leinn" glè iomachaidh air latha cunntadh nam bhòt fhèin, mar eisimpleir.

Re: Cuideigin a ’faighneachd dhomh airson cuideachadh le abairt

Posted: Sat Mar 14, 2020 1:33 pm
by An Gobaire
Seadh. Bhiodh "Gun tèid leinn" na bu ghiorra a-rithist. Agus, na b'iriosaile a chionn, cha bhiodh ro-fhios aca "gun tèid an latha leotha" mus deach na bhòtaichean a chunntadh, am bitheadh?