Page 1 of 1

True or false sa Ghàidhlig

Posted: Thu Feb 06, 2020 1:40 pm
by Níall Beag
Thàinig e orm nach eil fhios 'am ciamar a sgrìobhar ceistean "true or false" sa Ghàidhlig.
Cha bhithinns' ag ràdh "that's false" anns a' Bheurla cho tric ri "that's a lie", agus mar a tha mis' a' tuigsinn an gnothaich, 's e sin 's e breug a th' ann no an leithid anns a' Ghàidhlig.

Dé bhios daoine a' cleachdadh anns na ceistean ma-thà?

Re: True or false sa Ghàidhlig

Posted: Fri Feb 07, 2020 3:54 pm
by GunChleoc
A thaobh coimpiutaireachd, cleachdaidh sinn "fìor" is "fallsa" - 's dòcha gun cuidich seo?

No dè mu dheidhinn "An e an fhìrinn a th' ann 'nad bheachd-sa?" - "'S e/Chan e"

Re: True or false sa Ghàidhlig

Posted: Sat Feb 08, 2020 12:31 am
by faoileag
Chunnaic mi àiteigin suirbhidh sa Ghàidhlig le Ceart / Ceàrr.

Re: True or false sa Ghàidhlig

Posted: Tue Feb 11, 2020 3:05 pm
by Tha_Mi_Sgìth
Nach eil "fallsa" a' ciallachadh "mas fhìor" (pretend), an àite breugach?

Re: True or false sa Ghàidhlig

Posted: Tue Feb 11, 2020 3:13 pm
by Tha_Mi_Sgìth
fìor / neo-fhìor ?
fìrinneach / breugach ?