Page 3 of 26

Posted: Wed Jun 24, 2009 11:52 pm
by faoileag
Abair furtachd! :D

What a relief!

:priob:

Posted: Thu Jun 25, 2009 6:13 pm
by akerbeltz
Ok, fear simplidh:

Image

Agus ann am faclan D. Agirre:

Eztogu erdarazko itzik aotan erabili bear, esan nai doguna euskarazko itzakaz esan daikegunean
Cha leig sinn a leas faclan gallda a chleachdadh mas urrainn dhuinn na tha fa-near dhuinn a ràdh le faclan Basgach

Posted: Thu Jun 25, 2009 10:48 pm
by Thrissel
Feuchaidh mi:

Thoir an aire! Ceum

Posted: Thu Jun 25, 2009 11:01 pm
by Seonaidh
Simplidh????????

Uill, "Thoir an aire" 's dòcha airson "Take care" (no "Watsia mas!" ann an Hwntweg), ach "Step"..."Stairsneach"? "Ceum"? Ach 's e an dealbh am fear as doirbhe - chan eil mi a' faicinn càil an sin a bhiodhte a' ciallachadh mar "step" idir. An e sanas mu dheidhinn cunnartan coiseachd a th' ann? Chan eil neach an deilbh a' gluasad fhad 's a chì mi.

Posted: Thu Jun 25, 2009 11:10 pm
by akerbeltz
LOL uel, shaoil mise gun robh e simplidh.

Thog mi am fear seo air bàta-aiseig (chan ainmich mi an companaidh). 'S e doras do thaigh-bheag a th' ann agus mar a gheibhear air bàtaichean, chan eil an t-ùrlar còmhnard aig na dorsan ach tha pìos meatailt a' dol bho thaobh gu taobh.

___________
|..................|
|..................|
|..................|
|...............L.|
|..................|
|..................|
|..................|
|..................|
-----------------
|_________|

Mar seo. Rudeigin air an tuislicheas tu co-dhiù.

Ceart ma-tha, tha 2 mholadh againn ceum agus stairsneach. Dè an diofar eatarra agus dè am fear as fhearr an-seo?

Agus bha an dithis agaibh ceart, Thrissel agus Seonaidh, bhiodh thoir an aire na b' fhearr, gu h-àraid bhon a tha "take care" ann sa Bheurla seach dìreach "attention" no rudeigin mar sin.

Posted: Fri Jun 26, 2009 6:33 am
by AlasdairBochd
Bhon fhaclair MacFarlane :
Aire - nf.ind. heed, notice, attention, intention, watching.

'S e ainmear a th'innte, 's mar sin, feumaidh tu gnìomhar a cuir ann airson ciall. 'S e sin "Thoir an aire"; Take heed etc.

Dè mu dhèidhinn "Beachdaich !" (va. observe, mark, pay attention to) ?

Air an dara pàirt, uill, chan eil mi cinnteach. "Ceum thairis" air neo "Leum thairis" ma bhios tu nas òige na mise.

Posted: Fri Jun 26, 2009 7:58 am
by GunChleoc
Dè mu dheichnn cnap-starra :lol:

Posted: Fri Jun 26, 2009 12:26 pm
by akerbeltz
A, roghainn eile :D

Ge be dè a chiall litreachail, tha thoir an aire freagarrach sa Ghàidhlig gus aire cuideigin a tharraing gu cunnart. Nuair a chleachdas tu e am bruidhinn, thèid a ghiorrachadh gu 'n aire gu tric ge-tà.

Feumaidh sinn cumail 'nar cuimhne nach urrainn dhuinn breith a thoirt air abairt le bhith 'ga leughadh "facal air an fhacal". Bidh diofar cànain a' làimhseachadh an aon rud air diofar dòighean. Ma tha thu airson aire cuideigin a tharraing gu cunnart sa Chantonais mar eisimpleir, canaidh tu siúh sām! "cridhe beag!" agus chan eil ceangal litreachail eadar an abairt seo agus "cunnart" sa Bheurla no sa Ghàidhlig.

Ok, so tha sin dèanta againn. Nist, tha ceum is stairsneach is cnap-starra ann.

Nach dèan sibh uile 2 abairt leis na faclan sin a sheallas an ciall bhunaiteach? Mar eisimpleir:
Thug i ceum air adhart is thuit i leis a' chreag.

Posted: Fri Jun 26, 2009 12:52 pm
by Níall Beag
AlasdairBochd wrote:Bhon fhaclair MacFarlane :
Aire - nf.ind. heed, notice, attention, intention, watching.

'S e ainmear a th'innte, 's mar sin, feumaidh tu gnìomhar a cuir ann airson ciall. 'S e sin "Thoir an aire"; Take heed etc.

Dè mu dhèidhinn "Beachdaich !" (va. observe, mark, pay attention to) ?

Air an dara pàirt, uill, chan eil mi cinnteach. "Ceum thairis" air neo "Leum thairis" ma bhios tu nas òige na mise.
Och uill:
FR: Attention
EN: Warning
EN: Attention

Ainmear, gach fear.


Anyway, "ceum".

I'm not sure what Akerbeltz is saying on the matter, but the use of the same word for the motion of moving one foot forward and for a single stair is something fairly English. It's not a foregone conclusion that the pattern would hold in Gaelic. Can anyone cite a genuine example of "ceum" being used as a stair-step?

As for the transliteration, it looks more like Stchexp* to me. I'd write it as "Staeb" if I wanted it to be pronounced "Step".

*tch = itch; x = loch

Posted: Fri Jun 26, 2009 8:38 pm
by Seonaidh
Th mi a' creidsinn gu bheil "ceum" a' ciallachadh "university degree" cuideachd. Tha sin a' moladh gun tèid "ceum" a chleachdadh airson "step upwards". Nì e an turas. (chan eil mi cinnteach air a' Ghàidhlig an sin: "it will do", mar a chanas iad sa Bheurla).

Posted: Fri Jun 26, 2009 10:48 pm
by akerbeltz
Ainmear, gach fear.

Ò, 's e ainmear a th' ann an aire cuideachd ach cha chiall dha sin gu bheil agad ri ainmear a chleachdadh sa Ghàidhlig. Tha a' Bheurla ag gràdh "Take care" co-dhiù.

Agus glè mhath, cha cho-ionnan na rudan sin sa Ghàidhlig:
cnap-starra: seo obstruction no hindrance, rudeigin air an tuislicheas tu ach chan ann a dh'aona ghnothaich.
stairsneach: 's e "threshold" 's ciall dha seo.
ceum: seo am facal as sùbailte, 's ciall dha iomadh rud, a' gabhail a-steach ceum ann an staidhre agus ceum a nì thu le do dhà chas. Agus cuideachd an rud a gheibh thu san oilthigh.

Dè am facal as fhearr ma-thà? Uel, chan eil cnap-starra ro fhreagarrach, cha do chuir iad an rud seo ann gun tuislich thu a dh'aona ghnothaich. Dh'fhaodadh tu ceum a chleachdadh ma tha e fa-near dhut innse do dhaoine gum bu chòir dhaibh ceum a dhèanamh "step over this". Bhiodh ceum cuideachd ceart gu leòr nam biodh staidhre ann, eil fhios, rudeigin a thèid suas do dh'ùrlar eile.
'S e stairsneach am facal as fhearr an-seo oir 's e rudeigin aig bun an dorais a th' ann agus feumaidh tu ceum a dhèanamh thairis air.

Agus steap, uel, tha faclan ann sa Ghàidhlig aig an robh /sd/ bho thus ach a thionndaidh 'na /ʃdʲ/ le tìde. Tha e nas fhearr co-dhiù, nuair a bhios tu a' gabhail facal air iasad, gum bi e riaghailteach a thaobh fòn-eòlas na Gàidhlig, seach fòn-eòlas na Beurla. Ach co-dhiù no co-dheth, chan eil feum air an fhacal seo a ghabhail air iasad.

Chan eil am p sin ro dhraghail, tha an ro-analachadh (pre-aspiration) nas laige air beulaibh -p co-dhiù agus cha bhiodh diofar ro mhòr eadar steap agus steab.

Tha e a' sealltainn ge-tà dè cho cunnartach a tha e faclan a chur ri chèile sa bhad, gun deagh bheachdachadh.

Posted: Sat Jun 27, 2009 3:09 am
by AlasdairBochd
Níall Beag wrote: Och uill:
FR: Attention
EN: Warning
EN: Attention

Ainmear, gach fear.
Ma bhios tu airson Warning ri radh mar cànanan eile, am biodh Rabhadh freagarrach?

'S e ainmear a th'ann ach am faod mi sin a cleachdadh mar sin? :chafhios:

Posted: Sat Jun 27, 2009 7:45 am
by akerbeltz
Faodaidh gu dearbh. Tha Rabhadh! dìreach beagan nas làidire na An aire!: rabhadh > tha thu a' dol a bhriseadh lagh/riaghailt; an aire > tha thu a' dol do ghoirteachadh fhèin.

Posted: Sat Jun 27, 2009 10:03 am
by Thrissel
akerbeltz wrote:Tha Rabhadh! dìreach beagan nas làidire na An aire!: rabhadh > tha thu a' dol a bhriseadh lagh/riaghailt; an aire > tha thu a' dol do ghoirteachadh fhèin.
Uill, b' fheàrr leamsa a bhith lagha a bhriseadh na rach mo ghoirteachadh... :priob:

Posted: Sat Jun 27, 2009 12:57 pm
by akerbeltz
LOL
a bhith lagha a bhriseadh na rach mo ghoirteachadh
> a bhith (a') briseadh lagh na (a') dol mo ghoirteachadh

Chan eil feum air an t-ainmear a ghluasadh chun an toisich as dèidh a bhith; gheibh thu dìreach an t-ainmear gnìomhaireach:
a bhith ag òl Bun na h-Abhainn
a bhith ag ithe ubhal
...


Chan eil sin cho follaiseach air sgàth 's nach cluinn thu an a' sin ro thric ann am bruidhinn a chionn 's gu bheil a bhith a' crìochnachadh le fuaimreag agus a chionn 's nach eil ach /ə/ lag aig a(g):
a bhith a' dol > /ə vi dɔL/
a bhith a' leughadh > /ə vi Lʲeːvəɣ/
a bhith ag èisteachd > /ə vi gʲeːʃdʲəxg/

Sin as adhbhar, eadar dà sgeul, gu bheil a' chuid as motha dhe na h-ainmearan gnìomhaireach a' tòiseachadh le g sa Mhanannais:
getlagh /getləx/ cf ag itealaich
giarrey /gʲaːru/ cf ag iarraidh
ginsh /gʲĩːʃ/ cf ag innse