Sùil air a' mhearachd

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Mon Oct 11, 2010 12:00 pm

LOL @ GunChleoc

O seadh, tha mearach bheag san darna pàirt cuideachd "Bus a Phuist". Ach chan eil ach cromag àrd air chall air culaibh "a".


Mearachd gu math mór... the/his...



User avatar
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Seonaidh » Mon Oct 11, 2010 8:04 pm

"Rhathaid"? Càit' an robh sin, sa Chuimrigh? Rheally!

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4434
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby GunChleoc » Tue Oct 12, 2010 6:28 pm

Mo nàire, bha mi airson "rathad" a thypeadh
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Sun Oct 24, 2010 11:00 am

Ok, seo dhuibh dealbh eile - cha doir mi iomradh air dé an companaidh 's càit a bheil e ach tha e làn rudeigin ceart gu leòr :roll:

Image

User avatar
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Thrissel » Sun Oct 24, 2010 4:04 pm

Ionad Aiseig' - le tàthan ach gun asgair: Ionad-aiseig

Clar - le stràc: Clàr
Ach smaoinichinn gum biodh map no plana na b' fheàrr.

You are here / An seo - le tàthan agus le toiseach na h-abairte: Tha sibh an-seo

Chanainnsa gur e "quay" seach "quayside" a tha ann an cidhe ach chan eil fhios 'am dè an canar an àite sin - taobh an cidhe?

Níall Beag
Posts: 1333
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Chan eil gaidhlig agam agus cha bhi
Location: Dún Èideann, Alba
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Níall Beag » Sun Oct 24, 2010 5:41 pm

Uill, tha iad air "aiseag" a' cumail 'sa tuiseal ginideach fiù 's far am bi ainmear eile ás a dheidh.

Also isn't "An t-Òban" invariant because it's a proper noun, so shouldn't change even in genitive position.

(The spurious apostrophe can surely be forgiven on the grounds that genitive slenderisation traditionally involved an added terminal vowel.)

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Sun Oct 24, 2010 5:58 pm

Also isn't "An t-Òban" invariant because it's a proper noun, so shouldn't change even in genitive position.


Tha thu cearr a-seo, Néill. Atharraichidh ainmean-àite leis an alt a-réir nan riaghailtean àbhaisteach mar is trice. Mòd an Òbain, Fàilte chun an Òbain, muinntir na h-Eaglaise Brice ...

Ach cumaidh oirbh, tha neamhnaid no dhà ann fhathast.

User avatar
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Seonaidh » Sun Oct 24, 2010 9:57 pm

Uill 's e "NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES" a' phrìomh mhearachd air sgàth 's nach eil a' Ghàidhlig ann - agus 's dòcha seo an rud as cudromaiche air an sanas. Ann am facail eile, seo eisimpleir eile de "lip service" a dhèanamh don Ghàidhlig: "Och, chan fheumar sin eadar-theangachadh - tha a h-uile duine a' bruidhinn Beurla co-dhiù". 'S e ailis don chànan a th' ann an seo. Mearachd no gun mhearachd, b' fheudar a h-uile nì a bhith sa Ghàidhlig. Co-dhiù:-

Fàilte gu Ionad Aiseig' an Obain - Fàilte gu Ionad Aiseag an Òbain
Clar Ionad Aiseig' an Òbain - Plana Ionad Aiseag an Òbain
An Cidhe - Na Cidheachan
Ionad Aiseig' - Togalach an Ionaid
An seo - Tha sibh an seo
NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES - CHAN SEO SLIGHE CHARBADAN CHUN NAN AISEAGAN

User avatar
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Thrissel » Thu Oct 28, 2010 6:18 pm

Seonaidh wrote:NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES - CHAN SEO SLIGHE CHARBADAN CHUN NAN AISEAGAN


Am faodar chan seo a chleachdadh an àite chan e seo sa Ghàidhlig, leithid no access an àite there's no access sa Bheurla?
(Cuideachd, am biodh chan eil slighe charbadan ann... beagan nas fhaisge air an seantans Beurla?)

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Thu Oct 28, 2010 8:10 pm

Deagh phuingean, a h-uile duine. Nist... taobh a-muigh gainnead na Gàidhlig air an t-soidhne...

1) Fàilte gu Ionad Aiseig' an Obain
a) Litrichean mòra a-rèir nòs na Beurla hm...
b) Ionad Aiseig' - tha seo gu math inntinneach. Sin na tha iad a' cleachdadh airson Terminal ach, ann an àitichean eile le stràc, rud a bhiodh na b' fhearr. Tha a' chromag aig a dheireadh inntinneach cuideachd. Tha aiseag fireann, a' dol gu aiseig san tuiseal ghinideachd ach tha mòran sa bheachd gur e ainmear boireann a th' ann. Nam b' e ainmear boireann a bhiodh ann, gheibhear tu *aiseige san tuiseal ghinideach ach bhiodh, 's dòcha, a' chromag freagarrach. Ach leis gur e ainmear fireann a th' ann, chan eil feum air idir. Agus stràc air Oban a dhìth.
>> Fàilte gu ionad-aiseig an Òbain

2) Clar Ionad Aiseig' an Òbain
a) Stràc air clàr
b) Na dearbh rudan a thuirt mi gu h-àrd mu ionad-aiseig.
c) Mar a thuirt sibh, tha "clàr" gòrach airson "map". Mapa no rudeigin mar sin.
>> Mapa ionad-aiseig an Òbain

3) An cidhe
a) Uel... nì e chùis, 's dòcha ach nam biodh rudeigin na b' fhaisge air a' Bheurla fa-near, rudeigin mar:
>> Àrainn a' chidhe

4) An seo
a) Aidh, tha sin dìreach... dona.
>> Tha sibh an(-)seo (GOC no glic...)

5) No Vehicle Access
a) 'S e "gun inntrigeadh" an dòigh as fhearr airson "no access", ma-thà:
>> Gun inntrigeadh do charbadan

Furasta gu leòr, shaoileadh tu... :(

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4434
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby GunChleoc » Fri Oct 29, 2010 2:19 pm

Bhruidhinn mi ri tè a tha a' fuireach ann an taigh ùr ann an Rathad a' Chidhe agus thuirt i gun robh e ceart anns na h-uile litrichean a fhuair i mu deidhinn. Tha e dìreach neònach nach eil e ceart cho ceart air an sanas :roll:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Fri Oct 29, 2010 6:21 pm

Aidh, b' eòlach mo sheanmhair air leisgeulan d' a leithid ;b

Nist, seo neamhnaid o Bhreadhaig, le cead coibhneil Choinnich MhicThom:
Image

User avatar
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Thrissel » Fri Oct 29, 2010 6:55 pm

1) 'S ann Èireannach, seach Gàidhlig, a tha ainmean mar O'Connell, O'Hara no O'sda.

2) Thathar stràc ga ionndrainn os cionn "day" ann an "Sons of the Day of Laren".

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4434
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby GunChleoc » Fri Oct 29, 2010 7:17 pm

Bha e a' coimhead mar LaLaBrain dhomhsa Image :lol:

Taigh-òsta (no tigh-òsda san t-seann nòs)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Fri Oct 29, 2010 7:26 pm

Bheil thu cur 'nam shùilean gu bheil eanchainn air LaLa????

@Thrissel:
ag ionndrainn = rudeigin a bu toigh leat a bhith agad, rudeigin a tha do chridhe ag iarraidh (m.e. caraid nach eil ann, do mhàthair...)
a dhìth = rudeigin a bu chòir a bhith ann ach nach eil ann ach as aonais a' mushy stuff (m.e. airgead, òrd...)