Page 22 of 26

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Oct 29, 2010 7:44 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:@Thrissel:
ag ionndrainn = rudeigin a bu toigh leat a bhith agad, rudeigin a tha do chridhe ag iarraidh (m.e. caraid nach eil ann, do mhàthair...)
a dhìth = rudeigin a bu chòir a bhith ann ach nach eil ann ach as aonais a' mushy stuff (m.e. airgead, òrd...)
Mòran taing, cho robh mi eòlach air sin.

Me... Tha mi ag ionndrainn leann baraille ach tha taigh-òsta gun rèidio a dhìth orm?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Oct 29, 2010 8:12 pm
by Coinneach Cìr
Aidh 's e mi fhìn a ghabh an dealbh seo, cha b' urrainn dhomh creidsinn cho dona is a bha an soidhne seo nuair a chunna mi e! Ceud taing airson a chur an àrd, bha còir agamsa a bhith air smaoineachadh air....

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Oct 29, 2010 8:21 pm
by GunChleoc
akerbeltz wrote:Bheil thu cur 'nam shùilean gu bheil eanchainn air LaLa????
Rudeigin mar seo :spors:

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Oct 30, 2010 3:29 pm
by Seonaidh
Tinky-Winky?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Dec 10, 2010 4:32 pm
by akerbeltz
Ok, taing to Google Streetview, seo ar neamhnaid às a' Ghearastan:

Image

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Dec 10, 2010 5:54 pm
by Níall Beag
Ouch. Someone would appear to have mistaken the genitive article for a genitive marker, but then forgotten to lenite the following noun. (Is there an apostrophe in that picture or is it just blurry dirt?)

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Dec 10, 2010 6:11 pm
by Thrissel
Seadh, Sràid Màiri. Ach tha cuimhn' agam gun do leugh mi àiteigin gur e Màiri Mary sam bith agus Moire màthair Iosa. 'S dòcha gun robh iad airson Sràid Muire a sgrìobhadh?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Dec 10, 2010 7:12 pm
by akerbeltz
It is indeed an apostrophe - sorry for the quality, that's the best Streetview would give me.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Dec 10, 2010 11:33 pm
by Seonaidh
Chan eil mi cinnteach mu sin sunshine, er, Thrissel. Mas e "Mary Street" a th' ann, seadh, bidh "Sràid Mhuire" ceart gu leòr (creidsinn gum bi sèimheachadh ann an seo air sgàth 's gur ann boireannach a tha "sràid" agus bithear a' deilig ri ainmear ginideach mar bhuadhair). Ach 's dòcha gu bheil taigh a' chinn-bhaillidh, no "mayor", anns an t-sràid ud agus bho thùs b' i "Sràid na Mairi" a bh' innte, bhon Fhraingis "Mairie". Cò aige tha fios?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Dec 11, 2010 1:09 am
by Thrissel
Hmm, chunnaic mi 'Sràid Seasaidh' ann am Blàr Ghobharaidh, bhiodh tu ceart.

A rèir an t-sèimheachaidh... thug mi sùil anns an TYG agam agus tha 'nighean Maireid' aca ach tha iad ag ràdh 'In some dialects the initial letter of feminine forenames is also lenited in the genitive case [eg] seanair Chatrìona'. 'S dòcha gur ann cùis dualchainnte agus gu bheil an dà rud ceart, Sràid Màiri/Mhàiri, Sràid Muire/Mhuire, Sràid Seasaidh/Sheasaidh?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Dec 11, 2010 2:12 am
by faoileag
Dè mu dheidhinn sèimheachaidh às dèidh 'i' co-dhiù?

Far a bheil 'i', tha 'h', mar a dh'ionnsaich mi uair. :priob:

Sràid Mhàiri (Mhuire)

ach

Sràid Seasaidh (dnts)

(agus mu dheidhinn sèimheachaidh 8-) )

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Dec 11, 2010 2:33 am
by akerbeltz
Yikes... ok, càit an tòisich mi :priob:

1) i + h .... caileag mhòr? 'Nam bheachd-sa, cha b' fhiach e cus tìde a thoirt seachad air tòir riaghailt shimplidh a mhìnicheas cuin a gheibhear sèimheachadh 's cuin nach fhaigh. Chan eil riaghailt shimplidh ann. :gulach:

2) Tha Sràid A' Màiri cearr, ge be ciamar a choimheadas tu air. 'S dòcha Sràid A Màiri nam b' e Her Mary's Street an t-ainm a th' air an rathad ach chan e, dìreach Mary Street.

3) Sràid M(h)àiri
Seadh, seo na bu chòir a bhith air. Mar a thuirt Thrissel, tha an dà chruth ceadaichte. Tha Sràid Màiri nas conservative, Sràid Mhàiri nas innovative (a' cur nan ainmean boireann a-rèir patran nan ainmean fireann).

Chan eil eaglais faisg air an àite sin, cha chreid mi gur e Sràid Mhoire/Mhuire a th' ann, ach dh'fhaodadh.

Ach bu toigh leam puing no dhà a thogail mun t-sèimheachadh sin. Ma tha dà ainmear ann an close compound (m.e. cathair-chuibhle) tha an t-ainmear eile 'ga ghiùlan mar bhuadhair i.e. le sèimheachadh 's rudan mar sin cathair mhòr ~ cathair-chuibhle, na cathrach mòire ~ na cathrach-cuibhle... Ach 's e gluasad a' bheum a tha comharradh nan close compounds agus cha chuala mi ainm sràide le stress shift gu ruige seo. Mar sin, tha iad 'gan giùlan mar ainmearan coitcheann ann an sreath, m.e. cas Dhòmhnaill ~ cas bùird etc. Mar sin, ma tha sèimheachadh air Màiri an-seo, 's ann air sgàth an tuisil ghinidich a tha seo, seach buaidh an ainmeir bhoirinn air a bheulaibh. Mar eisimpleir, nam b' e rathad a bhiodh ann, bhiodh sèimheachadh ann fhathast: Rathad Dhòmhnaill ~ Rathad M(h)àiri 's rathad 'na ainmear fireann.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Sep 14, 2011 6:58 pm
by akerbeltz
Tha greis on a chuir mi dealbh ùr ris an t-sreath seo; seo agaibh fear gu ma simplidh son blàthachadh :)

Image

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Sep 14, 2011 6:59 pm
by GunChleoc
Uill, tha iad comasach air faclair a chleachdadh air a char as lugha :lol:

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Sep 14, 2011 11:31 pm
by Thrissel
Tha an làrach-lìn eadar-nàiseanta aca inntinneach mar an ceudna. A rèir sin, tha na trì dùthchannan seo ann: Alba, an Rìoghachd Aonaichte agus a' Chuimrigh. (Briog air an t-saighead ri taobh "USA" agus sgrolaich sìos.)
http://www.remax.com/

Ge-tà, chan eil fhios agam: dè bhiodh na bu ghnàthasaiche - "taigheadasan dùthcha" no "taigeadasan dùthchail"?