Yikes... ok, càit an tòisich mi
1) i + h .... caileag mhòr? 'Nam bheachd-sa, cha b' fhiach e cus tìde a thoirt seachad air tòir riaghailt shimplidh a mhìnicheas cuin a gheibhear sèimheachadh 's cuin nach fhaigh. Chan eil riaghailt shimplidh ann.
2) Tha
Sràid A' Màiri cearr, ge be ciamar a choimheadas tu air. 'S dòcha
Sràid A Màiri nam b' e Her Mary's Street an t-ainm a th' air an rathad ach chan e, dìreach Mary Street.
3)
Sràid M(h)àiri
Seadh, seo na bu chòir a bhith air. Mar a thuirt Thrissel, tha an dà chruth ceadaichte. Tha
Sràid Màiri nas conservative,
Sràid Mhàiri nas innovative (a' cur nan ainmean boireann a-rèir patran nan ainmean fireann).
Chan eil eaglais faisg air an àite sin, cha chreid mi gur e
Sràid Mhoire/Mhuire a th' ann, ach dh'fhaodadh.
Ach bu toigh leam puing no dhà a thogail mun t-sèimheachadh sin. Ma tha dà ainmear ann an close compound (m.e.
cathair-chuibhle) tha an t-ainmear eile 'ga ghiùlan mar bhuadhair i.e. le sèimheachadh 's rudan mar sin
cathair mhòr ~ cathair-chuibhle, na cathrach mòire ~ na cathrach-cuibhle... Ach 's e gluasad a' bheum a tha comharradh nan close compounds agus cha chuala mi ainm sràide le stress shift gu ruige seo. Mar sin, tha iad 'gan giùlan mar ainmearan coitcheann ann an sreath, m.e.
cas Dhòmhnaill ~ cas bùird etc. Mar sin, ma tha sèimheachadh air Màiri an-seo, 's ann air sgàth an tuisil ghinidich a tha seo, seach buaidh an ainmeir bhoirinn air a bheulaibh. Mar eisimpleir, nam b' e rathad a bhiodh ann, bhiodh sèimheachadh ann fhathast:
Rathad Dhòmhnaill ~ Rathad M(h)àiri 's rathad 'na ainmear fireann.