Page 25 of 26
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Aug 13, 2012 8:19 pm
by GunChleoc
Duh! Cha tug mi sùil air an fhaclair
Seo dealbh eile dhuibh:

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Aug 13, 2012 8:58 pm
by Thrissel
O mo chreach!
GunChleoc wrote:Saoilidh mi gu bheil Thrissel a-mach air nach eil an dà fo-thiotal ag ràdh an aon rud ann an dòigh sam bith.

Sin e; cha robh mi eòlach air tabhs v. tàthas ach tha e eadhon nas fheàrr mar sin...

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Aug 13, 2012 9:40 pm
by akerbeltz
Torr a' Chastel ... tha sin ceart gu leòr sa Mhanannais

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Aug 14, 2012 12:16 am
by GunChleoc
Ach chan e Manannais a th' ann

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Aug 14, 2012 7:19 pm
by Seonaidh
Chan fhaic mi mearachd - 's ann sa Bheurla a tha an soidhne, nach ann? Nam b' ann sa Ghàidhlig a bhiodh e, chan fhaigheadh sibh "500 yds", ach 's dòcha "500 slat".
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Aug 14, 2012 7:37 pm
by akerbeltz
Chaistel > Chaisteil, a Sheonaidh a ghràidh

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 23, 2013 12:27 pm
by akerbeltz
Fad on uairsin ach tha mi air ais - a dhà dhiubh mar thoiseach tòiseachaidh. Aonan gu math simplidh, aonan nas dorra:

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 23, 2013 2:46 pm
by faoileag
I'll leave the 'easy one' for our beginners to have a go.
Dè mu dheidhinn: Gailearaidh-ealain (no Gailearaidh-Ealain)?
'S e close compound a th' ann, nach e? Agus thuiteadh litir 'e' mu dheireadh (seann-nòsach

) air falbh.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 23, 2013 3:42 pm
by Thrissel
Chanainnsa gur e an trioblaid gu bheil an soidhne ag ràdh "Inverness (Museum & Art Gallery)" sa Bheurla ach "(Inverness Museum) & (Art Gallery)" sa Ghàdhlig. Bu chòir dha a bhith "Taigh-tasgaidh & Gailearaidh Ealain Inbhir Nis" (no "Taigh-tasgaidh & Gailearaidh-ealain Inbhir Nis").
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 23, 2013 4:51 pm
by akerbeltz
Tha Thrissel ceart

Bidh diofar beachdan a thaobh
gailearaidh(-)ealain ach tha an t-ainm
Inbhir Nis car cugallach far a bheil e, tha e cur 'nar sùilean gur e
Taigh-tasgaidh Inbhir Nis a th' ann ach gu bheil an gailearaidh a' buntainn a dh'àite eile. Tha a' mhearachd seo gu math cumanta ann an eadar-theangachadh oir chan eil e soilleir uaireannan cò ris a tha modifier mar sin a' buntainn.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Apr 28, 2013 11:08 am
by GunChleoc
Fàgaidh mi a' chiad tè do chuideigin eile ... nach feuch sibh rithe?
Thoiribh sùil air an tuiseal ghinideach 
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Apr 28, 2013 1:02 pm
by poor_mouse
Obh-obh, chan eil deagh chuimhne agam air an fhacal seo, agus cha do sheall mi esan san fhaclair!

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Apr 28, 2013 1:58 pm
by GunChleoc
Thoir sùil air an structar co-dhiù.

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Apr 28, 2013 7:43 pm
by poor_mouse
Tapadh leat, a GhunChleoc!
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sat Apr 05, 2014 9:23 pm
by akerbeltz
Fada on uairsin
Nise, fear simplidh an turas seo:
