Sùil air a' mhearachd

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
User avatar
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Seonaidh » Sat Apr 05, 2014 10:58 pm

A-ha! "TM": chan e, ach "TMA" (Tha Mearachd ANN).

An ann beò a tha Glaschu co-dhiù? Nach "Glaschumharbh" nas fheàrr?



User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4434
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby GunChleoc » Sun Apr 06, 2014 8:57 am

Thoiribh sùil air gnè an fhacail is gheibh sibh a-mach na tha ceàrr air an abairt seo ;)

Nach eil duine airson feuchainn ri seo? / Does nobody want to have a go at this?

Image
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

User avatar
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby poor_mouse » Sun Apr 06, 2014 12:01 pm

Cha robh fhios agam gu bheil Glaschu boireannach... :mc:
Eilidh -- Luchag Bhochd

User avatar
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby Seonaidh » Sun Apr 06, 2014 11:51 pm

Uill, cha robh fios agamsa ach dè eile b' urrainn dha a bhith? Thàinig an t-ainm à "Cuimris", no cànan àbhaisteach Srath Chluaidh agus b'e "glas gau" a bh' ann. San fharsaingeachd, "cau glas" an-diugh, no "lag g[h]las". Nuair a thig buadhair ro ainmear sa Chuimris, mar sa Ghàidhlig, bidh sèimheachadh ann (ach c > g seach c > ch). Mar sin, sa "Chuimris" "Glas Cau" > "Glasgau" agus sa Ghàidhlig "Glas Cu" > "Glaschu" (? "grey dog"...).
===============
OK GC, dè tha dol le "Ùghdarras a Chlò Hearaich"? Fhad 's a chì mi, chan eil ach ' ceàrr (Ùghdarras a' Chlò Hearaich) - "The Authority of the Harrisish Tweed", ach b' fheàrr leam "Ùghdarras a' Chlò Mhoir".

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Mon Apr 07, 2014 11:30 am

Uill, cha robh fios agamsa ach dè eile b' urrainn dha a bhith?


Fireann? Le ainmean-àite aig nach eil co-pàirtean aig a bheil gnè fhollaiseach, chan urrainn dhut gnè an fhacail a dhearbhadh 's tu a' coimhead air an fhacal fhèin mar is trice ach a dh'aindeoin sin, tha gnè aig gach ainm-àite. Tha pàtranan uaireannan, mar eisimpleir an fheadhainn anns a bheil -bhagh/-bhaigh, tha iad fireann a ghnàth ach chan eil càch eile cho furasta. Mar is trice, feumaidh tu a bhith air leth fortanach mus fhaic thu fear ann am bàrdachd ris a bheil buadhair, mar eisimpleir tha Glaschu a' nochdadh mar Glaschu Mhór nan Stìoball agus Glaschu Mhór nam Bùithtean. Oir gu mì-fhortanach, cha do bhuadraig AÀA no na seann-fhaclairean le gnè nan ainmean-àite.

Feadhainn a tha fireann:
Leòdhas
Rum
Tiriodh
Colla


Boireann:
Uibhist
Arainn
Sealtainn
Ìle
Diùra
Muile


Fhad 's a chì mi, chan eil ach ' ceàrr (Ùghdarras a' Chlò Hearaich)

Nach e mearachd mòr gu leòr a tha sin air sanasachd? The Authority of HIS Harris Tweed vs The Authority of Harris Tweed? A cheart cho dona 's a bhiodh Royal Vank of Scotland :priob:

User avatar
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby poor_mouse » Mon Apr 07, 2014 2:32 pm

Cha ro mi cinnteach a bheil an "a" seo a' ciallachadh "de", "do" no riochdair sealbhach (his)...
Eilidh -- Luchag Bhochd

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1723
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby akerbeltz » Mon Apr 07, 2014 8:35 pm

Chan urrainn dhan a ud a bhith 'na roimhear leis gu bheil Hearaich san tuiseal ghinideach agus chan eil aon seach aon dhiubh (do no de) ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich 8-)

User avatar
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread postby poor_mouse » Tue Apr 08, 2014 6:38 am

Seadh, ach bha fhios 'am gu bheil mearachd ann! :)
Eilidh -- Luchag Bhochd