Mar a gheibh sibh stràc air coimpiutair

A bheil trioblaid agad le bathar bog an fhòram seo. Ciamar a chuireas mi sràcan ann? Gheibh thu freagairt dhan a h-uile càil ann a sheo. /
Trouble with the forum software? How do I add accents? All will be answered here.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Mar a gheibh sibh stràc air coimpiutair

Unread post by akerbeltz »

Tha iomadh dòigh ann gus sin a dhèanamh. Tòisichidh mi leis an fheadhainn as goireasaiche.

1. Cleachdaibh meur-chlàr English UK Extended/US International (luchd Windows)
Chan eil sin ri ràdh gu bheil feum agaibh air fear ùr a cheannach. Feumaidh gach coimpiutair bathar-bog beag a dh'innseas dha mar a dhèiligeas e ris a' mheur-chlàr agaibh. Mar is trice, thig coimpiutairean ann am Breatainn leis a' bhathar-bhog airson UK Standard Keyboard. Ach gabhaidh sinn atharrachadh gu math furasta.

Ma dh'atharraicheas sibh sibh gu English UK Extended, 's urrainn dhuibh putanan marbha (deadkeys) a chleachdadh.

Tha putan air taobh clì a' phutain 1 air an dà mheur-chlàr air a bheil stràc `. Ma leanas sibh ris na ceumannan seo, thèid agaibh air stràc a chur air fuaimreag sam bith ann am prògram sam bith. Cha bhi buaidh air rud sam bith eile ann ach gum bi na putanan marbha seo aig obair - cha ghluais rud sam bith eile.

Dèanaibh na leanas (bidh diofar beag eadar gach siostam Windows ach tha seo ceart san fharsaingeachd, chì sibh far a bheil rudan ann)

Ma tha Windows XP agaibh, briogaibh air: Start » Settings » Control Panel » Regional and Language Options » Language (Tab) » Details > Add » English (United Kingdom) » Ok
Le cromag ri Keyboard Layout/IME » United Kingdom (Extended) » Ok » Ok.

Ma tha Windows Vista/7 agaibh, briogaibh air: Start » Control Panel » Regional and Language Options » Keyboards and Languages » Change Keyboards > Add » English (United Kingdom) » United Kingdom Extended » Ok

Seo dà dhealbh dhuibh:
Image
Image

Taghaibh am meur-chlàr a stàlaich sibh mar Default Input Layout agus briogaibh OK. Sin agaibh e. Mar phutas sibh `agus an uairsin fuaimreag, gheibh sibh an stràc air an fhuaimreag sin. Le SHIFT, gheibh sibh an fheadhainn mhòra. 'S e an diofar eadar an dòigh seo agus CTRL + fuaimreag ann am Windows gun obraich stràcan ann am prògram sam bith le English (Ireland)/UK Extended/US International!

Tha stiùireadh nas mionaidiche airson Windows 7 agus Windows 8 an-seo

Tha buannachdan eile ann. Seo gach ath-ghoirid a gheibh thu leis:
* stràcan geura áéíóúẃý le AltGr + litir
* stràcan troma àèìòùẁỳ le backquote (`) (ri taobh 1) + litir
* mullach air âêîôûŵŷ AltGr agus 6 agus an uairsin an litir
* dà phuing äëïöüÿẅ le AltGr agus 2 agus an uairsin an litir
* tonn ãõñ le AltGr agus # agus an uairsin an litir
* cromag fo ç le AltGr agus c

2. Air MacOSX
Tha ath-ghoiridean mar sinn ann am MacOSX mu thràth. Gheibh sibh stràcan le ALT + ` + fuaimreag no ALT + ` + SHIFT + fuaimreag.

Tha an t-Ollamh Andrew Carnie air meur-chlàr nas simplidhe a chur ri chèile dhan Mhac: http://www.dingo.sbs.arizona.edu/~carni ... board.html

3. System Shortcuts (luchd Windows)
Seo an t-seann dòigh thoinnte. Tha seo ag obair ann am prògram sam bith cuideachd ach bheir sibh ùine fhada a bhith 'gan taidhpeadh:
Dèanaibh cinnteach gu bheil NUM LOC air. Cumaibh sìos ALT agus putaibh na h-àireamhan a leanas aig an aon àm air an NUMPAD (a' chèarnag air an taobh deis leis na h-àireamhan air)

0192 - À
0224 - à
0200 - È
0232 - è
0204 - Ì
0236 - ì
0210 - Ò
0242 - ò
0217 - Ù
0249 - ù

Chan obraich seo air laptop!

Tha dòighean eile ann ach seo an fheadhainn as fhasa ri an cleachdadh. Ma tha duilgheadas agaibh, feuchaibh am faigh sibh fuasgladh air an lìon an toiseach ach mura faigh, faighnichibh an-seo.

Ma tha sibh ag obair ann an oifis mhòr no ann an sgoil, bi agaibh ri bruidhinn ri IT Support gus meur-chlàir ùra a stàladh.


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Mar a gheibh sibh stràc air coimpiutair

Unread post by GunChleoc »

Tha treòir ùr air iGàidhlig ann.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply