Page 1 of 1

Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Wed Apr 29, 2020 7:26 pm
by ScottishLaowai
Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig, ach tha mi a' fuireach anns na Tìrean Ìsle, mar sin chan eil mòran chothroman agam airson bruidhne sa' Ghàidhlig ri daoine. Nuair a tha mi aig an taigh ann an Dùn Èideann, is urrainn dhom a' bruidhinn beagan Gàidhlig ri mo mhàthair (tha beagan Gàidhlig aice). Ge-tà, a-muigh na h-Alba, tha mi a' cleachdadh Gàidhlig ann an dà dhòigh mar is trice:

1 - "Na cuir orm, mas e do thoil e": Ma tha duine sam bith a' smaoineachadh nach eil Duitsis no Beurla agam, bidh iad a' fàgail mi aonarach sa chumantas.

2 - Mar chànan anns an iomairt Tuill-fhuaraidh 's Dràgonan agam: Chan eil Elvish bho Tighearna nam Fàinnean agam, mar sin tha mi a' bruidhinn Gàidhlig nuair a tha mi airson rudeigin san Elvish ràidh. Tha e a' cur beagan blas ris an geama, agus is toil le na cluicheadairean e. Tha fear dhiubh a' cluichd caractar "leth-elf"; 's e Albannach a th' ann fhèin, agus tha fios aige air beagan fhaclan na Gàidhlig. Uaireannan bidh e a' tuigsinn aon no dà fhacal, mar sin bidh e ag ràdh (san charactar) "Athair...à, is cuimhne leam am facal sin! An e an athair aice a th' ann?" mar eisimpleir.

Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig?


I'm learning Gaelic, but I live in the Netherlands, so I don't get many opportunities to speak Gaelic with people. When I'm back home in Edinburgh, I can speak some Gaelic with my mother (who has some). However, outside Scotland, I usually use Gaelic in two ways:

1 - "Please don't bother me": If anyone thinks that I don't speak Dutch or English, they'll usually leave me alone.

2 - As a language in my Dungeons and Dragons campaign: I don't know Elvish from Lord of the Rings, so I speak Gaelic when I want to say something in Elvish. It adds some flavour to the game and the players enjoy it. One of them is playing a "half-elf" character; he's Scottish himself and knows a few words of Gaelic. Sometimes, he'll understand one or two words and so he'll say (in character) "Father...oh, I remember that word! Is he her father?" for example.

Who do you speak Gaelic with?


(As always, any feedback is appreciated. Really trying to push myself to develop my Gaelic more.)

Re: Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Fri May 01, 2020 12:00 pm
by Níall Beag
Cha bhi mi ga bruidhinn gu math tric.
I don't speak it all that often.

Bidh mi ga sgrìobhadh air Facebook agus an-seo, agus bidh mi a' coimhead air BBC ALBA bho àm gu àm.
I write it on Facebook and here, and I watch BBC ALBA from time to time.

Tha mo Ghàidhlig a' fàs caran lag air sgàth sin.
My Gaelic's getting kind of weak because of that.

Uill, nas slaodaiche na bha e, co-dhiù.
Well, slower than it was, anyway.

Re: Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Sat May 02, 2020 11:08 am
by faoileag
Tha mise gu math fortanach is cothroman agam a bhith a' bruidhinn Gàidhlig gu cunbhalach, air loidhne co-dhiù.
Leis gu bheil mi a' teagasg fhathast (air loidhne), bidh mi a' bruidhinn ris na h-oileanaich agam (cuid dhiubh aig ìre mhath), agus tha mi fhìn ann am buidheann-chòmhraidh neo-fhoirmeil airson luchd-labhairt fhileanta no adhartach, air loidhne cuideachd.

Ron ghlasadh-shluaigh bha cothrom agam cuideachd, bho àm gu àm, a bhith a' bruidhinn ri daoine sa choisir agus san eaglais agam aig a bheil Gàidhlig bho thùs, no aig cuirmean-ciùil le seinneadairean Gàidhlig, fiù 's nach biodh ann uaireannan ach seantans no dhà.

Ach san fharsaingeachd bidh mi a' sgrìobhadh, a' leughadh agus ag èisteachd nas trice na bruidhinn.


I'm pretty lucky in that I have opportunities to speak Gaelic regularly, online anyway.
As I'm still teaching (online), I speak to my students (some of them at a good level), and I'm in a casual fluent/advanced chat group myself. Before the lockdown I could also sometimes speak Gaelic to native-speakers in my choir and my church, or at concerts with Gaelic singers, even if that was sometimes only a sentence or two.
But in general I write, read and listen to Gaelic more often than I speak it.

Re: Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Sun May 10, 2020 10:30 am
by Iain Sasannach
Cha bhruidhinn mi anns a' Ghàidhlig gu tric a chionn is gun eil mi a' fuireach anns an deas Sasainn. Fuirichinn anns an tuath ach cha do reigheamaid air turas ach gu Dùn Phrìs is Gall-Ghaidhealaibh agus na Crìochan. Their mi na rudan a sgrìobh mi dhomh fhìn, ach cha bhruidinn mi ri duine sam bith a thoradh cha tuig iad mi.

I don't often speak Gaelic because I live in the south of England. I used to live in the north but we would only visit Dumfries & Galloway and the Borders. I will say the stuff I write to myself, but I won't speak with anyone because they wouldn't understand me.

Re: Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Sat May 16, 2020 9:57 am
by GunChleoc
Iain, ma tha thu faisg air Lunnainn, feuch am buidheann seo nuair a bhios sinn seachad air COVID-19: https://comunnlunnainn.co.uk/

Iain, if you're close to Longon, try this group when we're over COVID-19

A ScottishLaowai, feuch http://duneideann.net/Bothan.html an ath-thuras nuair a bhios tu aig an taigh.

ScottishLaowai, try ... the next time you're home.

Re: Cò leis a tha sibh a' bruidhinn Gàidhlig? (Who do you speak Gaelic with?)

Posted: Sun May 17, 2020 3:33 pm
by Iain Sasannach
GunChleoc wrote: Sat May 16, 2020 9:57 am Iain, ma tha thu faisg air Lunnainn, feuch am buidheann seo nuair a bhios sinn seachad air COVID-19: https://comunnlunnainn.co.uk/

Iain, if you're close to Longon, try this group when we're over COVID-19
Tapadh leat gu mòr! Tha dùil agam clàrachadh aig a' SOAS an t-Sultain, mar sin bidh seo glè fheumail.

Thank you very much! I am expecting to enrol at SOAS in September, so this will be very useful.