Ràdh na Seachdaine 8 - Na gabh turas leatha!

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh na Seachdaine 8 - Na gabh turas leatha!

Unread post by An Gobaire »

Na gabh turas leatha!


Ma chanas cuideigin "Na gabh turas leatha" - a rèir an t-suidheachaidh, dh'fhaodadh gur e "Na bi ga creidsinn", no "Coma leat i" is ciall dha seo.

Ma bhios tè no fear ag innse sabhdag dhut (breug bheag), is tu ga creidsinn, no a' feuchainn ris a' char a thoirt àsad....dh'fhaoidte gun abair cuideigin seo riut gun fhios nach tèid do thoirt chun a' mhòintich!

Eisimpleir: Na gabh turas leatha, tha i a' tarraing àsad!

Ràdh Beurla as coltaiche ris....."Never mind her! She's just pulling your leg!"


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply