Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 9 - fuarachadh

Posted: Sun Mar 21, 2010 10:05 pm
by An Gobaire
Thòisich e air òl aig 4feasgar agus chan eil e a' fuarachadh idir!


Tha seo a' ciallachadh nach eil an t-òl aige a' fàs mall - tha e a' cumail a' dol ag òl na dibhe aig an aon astar is ìre 's a tha e bhon a thòisich e aig 4 feasgar!
An aithne dhut fhèin cuideigin mar seo?

Ràdh Beurla - He's not slowing down at all!

Re: Ràdh na Seachdaine 9 - fuarachadh

Posted: Wed Mar 31, 2010 11:58 pm
by faoileag
Am faodar sin a chleachdadh anns gach co-theacsa?

M.e. Tha e air a bhith a' cur (sneachd) fad an latha agus chan eil e a' fuarachadh idir. ?? (Tha sneachd fuar co-dhiù! :priob: )

no:

Thòisich am blàr trath sa mhadainn agus às dèidh deich uairannan a' thìde cha robh e a' fuarachadh fhathast.

:?:

Re: Ràdh na Seachdaine 9 - fuarachadh

Posted: Thu Apr 01, 2010 10:03 am
by Gràisg
Chuala mise e mar fhachal airson na DT's (delerium tremens). Dè do bheachd a Ghob?

Re: Ràdh na Seachdaine 9 - fuarachadh

Posted: Thu Apr 01, 2010 10:13 pm
by An Gobaire
Cha do chuala mi fhèin sin, a Ghràisg. Tha "fuarachadh" gu tric ceangailte ri bhith a' gabhail air do shocair, no a' lasachadh astar coiseachd no mar sin.... a bharrachd air a' bhrìgh litearra fhèin.

Fhaoileag, chan fhaodar a chleachdadh anns gach suidheachadh, ach 's cinnteach leam gu bheil diofar shuidheachaidhean ann far am faodar a chleachdadh.

Tha an seantans mun bhlàr tuigseach gu leòr, ach tha e rudeigin coimheach dhomh... 's dòcha gu bheil e ceart gu leòr a thaobh brìgh, ach rud beag a-mach às àite a thaobh reim???

Co-dhiù, chan eil mi dol a ràdh gu bheil càil ceàrr an seo, oir gabhaidh faclan a chleachdadh ann an iomadh dòigh - air aon dòigh aig aon neach, agus air dòigh eile aig neach eile.