Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Wed Mar 31, 2010 10:51 pm
by An Gobaire
Mar bhuille air iarainn fuar dhomhsa

Dè is ciall dha seo ma-tà?

Ueill, 's i "buille" beum a bhuaileas air nì air choireigin - le rudeigin cruaidh mar as trice, ge be dè th' ann.

Ma tha gnothach no gnìomh "mar bhuille air iarainn fuar", 's e rud nach fhiach a bhith a' dèanamh oir chan fhaighear buannachd às. Ann an cainnt eile, 's ecaitheamh ùine a th' ann.

Ged a rinn tòrr mòr den t-sluagh caismeachd sna sràidean an aghaidh Cogadh Iorac, bha e mar bhuille air iarainn fuar oir cha tug an luchd-poilitigs cluas/èisteachd dhaibh.

Re: Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Fri Apr 02, 2010 7:35 pm
by Thrissel
Tè mhath! Tha sinne ag ràdh "mar thilgeil peasrach air balla" no "mar bhreabadh do bhollard (post-trafaige?)" sa Sheacais.

Re: Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Fri Apr 02, 2010 11:20 pm
by Seonaidh
Cò às a tha e? Àite-obraich nan goibhnean 's dòcha? Far am bithear a' teasachadh iarainn airson a lùbadh? Coltach ris a' Bheurla "strike while the iron is hot", air sgàth 's nach urrainn obrachadh nuair a chailleas a theas.

Re: Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Sat Apr 03, 2010 9:51 pm
by An Gobaire
A bheil e gu diofar cò às a tha e? Tha mi fhìn coma co-dhiù...ach tha mi smaointinn gur e ràdh feumail a th' ann.

Chan eil "strike while the iron is hot" idir co-ionann no fiù 's faisg ann am brìgh no seagh air an ràdh Ghàidhlig seo.

Re: Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Sun Apr 04, 2010 9:40 pm
by Seonaidh
Chan eil, gu dearbh! Ach smathaid gun tig e às an aon fhreumh - obair a' ghoibhne.

Re: Ràdh na Seachdaine 10 - mar bhuille air iarainn fuar

Posted: Mon Apr 12, 2010 11:35 am
by An Gobaire
Seadh.. 's iongantach mura thàinig.