Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 11 - Às/Air a cheann fhèin

Posted: Fri Apr 23, 2010 10:52 am
by An Gobaire
Bidh feadhainn agaibh eòlach air an abairt "air a cheann fhèin" no "air a ceann fhèin", ga h-ùisneachadh mar seo:

Bha e ag obair na fhear-gnothaich aig companaidh mòr fad bliadhnaichean, ach tha e ag obair air a cheann fhèin a-nis.

Ach, an tug sibh fa-near riamh gu bheil diofar ann eadar "air a cheann fhèin" agus " às a cheann fhèin"?

Nuair a bhios tu a' dèanamh rudan "às do cheann fhèin", 's ann a tha thu gan dèanamh le do thionnsgalachd fhèin no aig saorsa do thoile fhèin.

Ach, nuair a bhios tu a' dèanamh rudan "air do cheann fhèin", tha thu gan dèanamh "air do shon fhèin".

Re: Ràdh na Seachdaine 11 - Às/Air a cheann fhèin

Posted: Tue May 11, 2010 11:32 pm
by faoileag
Am faodadh mi 'Off your own bat' a ràdh air?

Abairt gu math feumail, dhomhsa, co-dhiù! :spors: