Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 12 - dàil

Posted: Thu Apr 29, 2010 2:53 pm
by An Gobaire
Ruigidh dàil doras.

Chan eil rian nach eil a h-uile gin againn air dàil a dhèanamh uair no uaireigin, no air dàil a chur ann an rudeigin.

Agus dè th' ann a bhith a' dèanamh dàil?

'S e a th' ann ach a bhith a' màirnealachadh - a' feitheamh mus dèan thu rud, no ga dhèanamh nas moille, nas slaodaiche.

An do chuala sibh "Ruigidh each mall muileann uaireigin"? no "Am fear a bhios fada gun aiseag, gheibh e thairis uaireigin"?

Tha iad uile a' ciallachadh an aon rud, cha mhòr. Mar sin, seo fear eile dhuibh. "Ruigidh dàil doras".

Luath no mall, ruigidh dàil doras.

Ràdh Beurla coltach ris: Sonner or later, (we'll) get there in the end.

Taing don phrògram Beul-chainnt airson seo!

A bheil abairtean samhlach riutha seo nad chànan fhèin?

Re: Ràdh na Seachdaine 12 - dàil

Posted: Fri Apr 30, 2010 6:28 pm
by Thrissel
Bha tè eile mar seo anns an TYG agam:

Ged 's fhada an duan, ruigear a cheann.

Re: Ràdh na Seachdaine 12 - dàil

Posted: Fri Apr 30, 2010 7:12 pm
by An Gobaire
'S e seo a' chiad uair a chunnaic mi am fear seo, tapadh leibh.

Re: Ràdh na Seachdaine 12 - dàil

Posted: Fri Apr 30, 2010 7:23 pm
by Thrissel
'S e do bheatha :-)