Ràdh na Seachdaine 18 - Cìrean na tuile

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh na Seachdaine 18 - Cìrean na tuile

Unread post by An Gobaire »

Bidh gearraidhean ann am buidseat na h-Alba am-bliadhna de 20%, ach chan e seo ach cìrean na tuile, oir bidh gearraidhean de 40% an ceann dà bhliadhna.

Cìrean na tuile

Cìrean.... Faodaidh tu d' fhalt a chìreadh le cìr...ach chan e sin an seòrsa cìr a th' annta seo!

'S e th' anns a' chìrean seo, ach an cop geal a gheibhear air barr tuinn nuair a bhios latha gaothach no gailbheach ann. Canar "faoileagan (no faoileag, no coileach) air a' mhuir" ri cìrean nan tonn cuideachd.

'S e "cìr" a canar cuideachd , mar eisimpleir, ri topan air mullach cinn coileach.

Dè th' ann an "tuil"? 'S e brùchd mhòr, no taomadh, no dòrtadh de dh' uisge a th' ann a thig na struth bras!

Mar sin, 's e th' ann an cìrean na tuile ach aghaidh na tuile, mar gum biodh, na chitheadh tu an toiseach dìreach mun rachadh do bhualadh leatha!

Anns an t-seantans gu h-àrd ma-tà, 's e gnàth-fhacal a th' ann, a' ciallachadh nach eil anns na ciad ghearraidhean ach toiseach-tòiseachaidh air rud a bhios trom dha-rìribh!

Ann am Beurla, chanadh tu "The tip of the iceberg"

These cuts are just the tip of the iceberg.

Ann am Frangais: "la partie émergée de l'iceberg/la pointe de l'iceberg".

Ann an Ruisis: ???????? ????????

Ann an Eadailtis: la punta dell'iceberg

Ann an Gearmailtis: die Spitze des Eisbergs

Ann an Iapanais: ?????


Tha coltas ann gu bheil an aon ghnàth-abairt seo aig a h-uile cànan eile ach a' GHàidhlig! Tha fear Gàidhlig aice fhèin! Nach i a' Ghàidhlig a tha suaicheanta! :D


*cìrean na tuile - lit: the crest of the flood


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ràdh na Seachdaine 18 - Cìrean na tuile

Unread post by Thrissel »

An Gobaire wrote:Tha coltas ann gu bheil an aon ghnàth-abairt seo aig a h-uile cànan eile ach a' Ghàidhlig!
Feumaidh mi aideachadh gur e an abairt Sheiceach "mullach eigh-bheinne" cuideachd...
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ràdh na Seachdaine 18 - Cìrean na tuile

Unread post by An Gobaire »

Seadh, cha robh càil a dh'fhios agam gur h-i abairt cho bitheanta ann an cànanan mòra an t-saoghail a th' ann am barr na beinn-deighe (no cruach-deighe, mar a chunnaic mi ann an alt-naidheachd Mac-Talla).

Co-dhiù, chuala mi an abairt Ghàidhlig seo 'cìrean na tuile' aig an t-sàr-sgoilear Ghàidhealach, Iain MacAonghais, nuair a bha e a' bruidhinn a thaobh cuspair air choireigin air an telebhisean.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply