Page 1 of 1

Ràdh na seachdaine 2

Posted: Thu Jan 21, 2010 11:57 pm
by An Gobaire
"Tha mi air m' fhàgail air fraighean fàsa a-rithist"
Dè th' ann am "fraighean" ma-tà?

'S e seo seòmar-cùil air choireigin, mar as trice ri taobh a'chidsin, far an tèid stòras bìdhe a chumail.

'S e buadhair a th' ann am "fàs" san rosgrann (t-seantans) seo a' ciallachadh "falamh" no "bàn"...

Mar sin, dh' fhaodadh tu an abairt seo a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh, a' ciallachadh gu bheil thu air d' fhàgail gun dad sam bith a leigeas leat piseach, no leasachadh, a thoirt air cùis àraidh.

Bha am fear a sgrìobh an abairt seo a' gearan air mar nach biodh tidsearan Gàidhlig a' fuireach ach aon bhliadhna mar as trice ann an sgoiltean na sgìre far an robh e na riaghladair ann an Canada. Bhiodh iad a' togail orra chun nam bailtean mòra agus bhiodh aige an uairsin ri tidsear a lorg a-rithist....rud a bheireadh ùine nan ùineachan gach turas. Mar sin bhiodh clann na sgìre air am fàgail gun fhoghlam sam bith tron Ghàidhlig fad greis mhòr mun lorgadh tidsear ùr.

Mar sin, bha am fear seo air fhàgail air fraighean fàsa a dh'aindeoin nan oidhirpean cruaidh a rinn e gus tidsear Gàidhlig a tharraing chun na sgìre.

Posted: Sun Jan 24, 2010 3:15 pm
by Thrissel
A bheil abairt Ghàidhlig ann airson staid a tha fiù 's nas miosa, mar an abairt ainmeil Ruiseach "шаг вперёд, два шагa назад" ("ceum air adhairt, dà cheum air ais")?

Posted: Sun Jan 24, 2010 4:46 pm
by An Gobaire
Nach eil "dìth bìdh" bho fhraighean fàsa dona gu leòr dhut? :priob:



Chanainn...gu bheil rudeigin mar - " 'S ann orm a tha a' bhun-obair."
faisg air sin.

'S ann tha thu a' feuchainn rudeigin anns nach eil tàbhachd sam bith ann.

No, dìreach ga chur mar a chur thu fhèin e! Ceum air thoiseach, dà cheum air ais." Cha robh fios agam gur e gnàth-abairt Ruiseanach a bh' anns an ràdh sin bho thùs.

Posted: Sun Jan 24, 2010 5:18 pm
by Thrissel
An Gobaire wrote:Cha robh fios agam gur e gnàth-abairt Ruiseanach a bh' anns an ràdh sin bho thùs.
Hmm, tha e coltach nach e... Ach tha e cumanta gu leòr agus cha do mhothaich mi dha "dà air adhairt msaa" gu seo. "Ever the optimist" a tha annamsa, tha fhios agad... :priob:

Re: Ràdh na Seachdaine 2 - Air fhàgail air fraighean fàsa

Posted: Wed Feb 03, 2010 10:32 pm
by Muiris
"An Gobaire""Tha mi air m' fhàgail air fraighean fàsa a-rithist"

Dè th' ann am "fraighean" ma-tà?

'S e seo seòmar-cùil air choireigin, mar as trice ri taobh a'chidsin, far an tèid stòras bìdhe a chumail.


'S ann glè inntinneach a tha seo. Tha fraigh aig a' phiuthar-màthar mo mhnatha. Chan e rùm a th'innte, ach preas beag coltach ri còrn-chlàr no "armoire" beag, anns a bheil canaichean is biadh tioram an àite soithichean. Tha i na seasamh slatarra, ceangailte ris a bhalla. Tha pantraidh againnse fon staidhre, ge-tà. Tha iongnadh orm nam biodh aranach no lònach facal nas fheàrr air a shon. 'S cinnteach gur e fraigh a tha facal cho math ri facal sam bith eile, ge-tà.

Posted: Wed Feb 03, 2010 10:43 pm
by An Gobaire
THa sin inntinneach , a Mhuiris.

Cha do chuala mi aranach no lònach roimhe. Bha mi smaointinn air an dòigh a b' fheàrr "Fraighean" a mhìneachadh ann an Gàidhlig. Dh'fhaodadh gum b' fheàirrde dhomh "àite far a bheil stòras bidh ga chumail" a chur ann, seach "seòmar"...ach nam biodh tu fortanach agus taigh mòr agad, dh'fhaodadh gum biodh preas-bidh agad a bha cho mòr ri seòmar no rùm beag!

SIn a bh' aig mo sheanmhair nuair a bha athair mo mhàthar ag obair na chìobaire aig uachdar na h-oighreachd ann am Fliuchadaidh, Srath Nàrainn. Bhiodh aice ri biadh a chumail ri sgòd mòr dhaoine a bha ag obair còmhla ri mo sheanair aig àm rùsgadh na caoraich, is mar sin sìos. Taigh mòr fuar san robh iad a' fuireach an uair sin agus cha chreid mi gum biodh fraighean fàsa idir aice!

Posted: Thu Feb 04, 2010 2:34 am
by Muiris
An Gobaire wrote:Cha do chuala mi aranach no lònach roimhe.
Tha mo bhean a' smaoineachadh gum biodh lònach seòrsa fraigh far am biodh neach a' glèidheadh glasraich agus cuideachd a' crochadh feòil. Tha fios 'am gun do chleachd iad seilearan-bìdh a-seo ann an Loch Laomainn sa mhòr-chuid, gu h-àraidh airson sitheann (fèidh-fheòil) is feòil-lon, no mar a chanas iad anns a' Bheurla, "moose-meat" a chrochadh. Chan eil mi cinnteach mu aranaich, ge-tà.