Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas

Unread post by An Gobaire »

Cha bu gann nach robh suidhe-suas aig an teaghlach ud.

Tha sibh eòlach air an dà fhacal seo "suidhe" agus "suas"...ach dè as ciall don fhacal fhillte seo "suidhe-suas"anns an t-seagh sa bheil Gàidheal ga tuigsinn?

'S e th' ann ach "aoigheachd ga nochdadh do strainnsearan" agus 's dòcha do choigrich cuideachd.

Mar sin, chanadh tu "cha bu gann nach robh an teaghlach ud fialaidh/a' toirt aoigheachd mhath do strainnsearan"

Ann am Beurla: There was no lack of hospitality shown by that family.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas

Unread post by Thrissel »

An Gobaire wrote:'S e th' ann ach "aoigheachd ga nochdadh do strainnsearan" agus 's dòcha do choigrich cuideachd.
Dè an diofar a tha eadar "strainnsear" agus "coigreach"? Strainnsear - cuideigin air nach eil thu eòlach ach a tha a' buntainn dhan aon dùthaich/nàisean; coigreach - cuideigin bho dhùthaich/nàisean eile :?:
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas

Unread post by An Gobaire »

Tha iad coltach ri chèile, agus dh'fhaodadh "coigreach" a bhith a' ciallachadh "strainnsear" cuideachd, ach tha brìgh nas fharsainge air "coigreach" nach eil air "strainnsear", agus mar a thuirt thu, sin e dìreach - cuideigin à dùthaich cèin.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas

Unread post by Thrissel »

A' tuigsinn - taing airson a' mhìneachaidh!
Post Reply