Dè thachras ma sheasas rudeigin nad amhaich?
'S dòcha gun dèan thu casadaich, agus mura h-eil thu comasach air sin a dhèanamh, bi thu ann an cunnart a bhith air do thachdadh leis an rud a tha nad amhaich!
Nan do sheas e nad amhaich, bhiodh cuimhne na b' fheàrr agad air! - If it had stuck in your throat, you would have remembered it better!
Seo rud a dh'fhaodadh tu ràdh ri cuideigin a th' air do latha breith a dhìochuimhneachadh! Tha e gu math sgaiteach, nach eil!
Ràdh 27 - A' seasamh nad amhaich
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Ràdh 27 - A' seasamh nad amhaich
Sgaiteach gu deabh, ags sin an trioblaid agamsa co-dhiù - chan eil fios agam DÈ cho sgaiteach a tha e, no cho laidir, agus mar sin, cha chleachdainn e.
San fhairsaingeachd, 's toil leam na seanfhaclan amsaa a leughadh agus gan tuigsinn - mòran taing air an son! - ach cha chreid mi gun cleachdainn iad.
San fhairsaingeachd, 's toil leam na seanfhaclan amsaa a leughadh agus gan tuigsinn - mòran taing air an son! - ach cha chreid mi gun cleachdainn iad.
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Ràdh 27 - A' seasamh nad amhaich
Gu dearbha, cha chleachdainn fhìn a h-uile fear dhiubh..agus chan eil a h-uile gnàth-fhacal freagarrach don h-uile neach, mar sin tuigidh mi do bheachd.
Ach, tha mi an dòchas gun ruig an roinn seo ìre far a bheil diugh is roghainn ann do dhaoine gus am faod iad an fheadhainn as fheàrr leotha a thaghadh agus a chleachdadh!
Ann a bhith a' bruidhinn ri daoine ge-tà, tha e gu math feumail taghadh de ghnàth-fhaclan a bhith agad air do theangaidh, agus gun tig fear no dhà dhiubh a-mach gu nàdarra ann an còmhradh a rèir mar a tha thu fhèin a' faireachdainn aig an àm.

Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Re: Ràdh 27 - A' seasamh nad amhaich
Tha thu ceart gum bi cothrom freagarrach ann bho àm gu àm, ach feumaidh mi a bhith mòran nas fhileanta agus nas cinntiche mus cleachd mi gu nàdarrach agus gu h-ealanta iad.
Ach tha fear no dhà a bhiodh nas simplidhe agus nas àbhaistiche, m.e. na co-shamhlaidhean.
'Cho luath ri brìd-eun san traigh'.
Ach tha fear no dhà a bhiodh nas simplidhe agus nas àbhaistiche, m.e. na co-shamhlaidhean.
'Cho luath ri brìd-eun san traigh'.