Ràdh 30 - Dà thaghadh...

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh 30 - Dà thaghadh...

Unread post by An Gobaire »

Dà thaghadh gun aon roghainn.

An robh faireachdainn riamh agad mar a tha an seann ràdh seo shuas ga chur an cèill?

THa seo a' tighinn bho bheul-aithris air eachdraidh Alasdair Colla Ciotach, an dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. Bha an sgeulachd dom buin an abairt seo air a togail le iomairt Iain Òg Ìle, (John Francis Campbell of Islay) c. 1860. Aig A. Matheson, "Traditions of Alasdair mac Colla", Transactions of the Gaelic Society of Glasgow, volume V (1958), t.d. 34

Fhuair mi fhìn an sgeulachd bho Aonghas MacCoinnich a thug òraid aig Oireachtas na Gaeilge, Cill Airne, Èirinn an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh Tighearna Acha-nam-Breac a ghlacadh na phrìosanach latha Inbhir Lòchaidh, agus an dèidh don bhlàr a bhith seachad, chaidh a thoirt an làthair Alasdair mhic Colla. Thuirt Tighearna Acha-nam-Breac "Tha dòchas agam gun tèid tròcair a dhèanamh rium-sa, bhon a tha mise nam sheann aois." Thuirt Alasdair mac Colla, "Tha mi a' creidsinn gun tèid, ma bheir thu dhuinn am fiosrachadh a dh'fharraideas sinn dhìot". Thuirt Tighearna Acha-nam-Breac gun tugadh.

An sin, dh' fharraid Alasdair mac Colla dheth gach nì a bha mhiann air fios fhaotainn mu dheidhinn, mu champa Iarla Earra-Ghàidheal, agus mu a h-uile teaghlach uasal de na Caimbeulaich. Dh' innis Tighearna Acha-nam-Breac dha gach nì air an robh fios aige. Agus tràth nach b' urrainn dha tuilleadh fiosrachaidh a thabhairt, thuirt Alasdair mac Colla ris, "A-nis a bhobaig, bhon a tha thu fhèin is mise càirdeach, agus gur duine uasal thu, bheir mi dhut do dhà roghainn: cò dhiubh a thèid do cheann a chur dhìot no a thèid do chrochadh." Thuirt Tighearna Acha-nam-Breac "Mo thruaigh, mo thruaigh, dà dhiù gun aon roghainn." Tharraing Alasdair mac Colla a chlaidheamh agus thuirt e, "'S e seo an aon roghainn bu chòir dhut fhaotainn,"agus bhuail e Tighearna Acha-nam-Breac leis a' chlaidheamh agus mharbh se e.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply