Ràdh 32 - Thachair an cat ris...

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh 32 - Thachair an cat ris...

Unread post by An Gobaire »

Thachair an cat ris air an stairsneach.

Halò, tha mi air ais.

Agus seo agaibh abairt a tha dha-rìribh a' dol gu cnag na cnùise air dòigh gu math neo-dhìreach!

Tuigidh sibh uile "Thachair an car ris air an stairsneach" san t-seagh litireil. Tha "air an stairsneach" a' ciallachadh gu bheil an neach air "leac an dorais" no "aig an doras" co-dhiù, is e a' tadhal air taigh no togalach air choireigin.

Duine sam bith a tha eòlach air a' Ghàidhealtachd, agus air mnathan agus teaghlaichean na Gàidhealtachd, bidh fios aca gur ann tric a tha cat aig muinntir a tha a' fuireach air an tuath.

Tha cuimhne agam nach leigeadh le mo sheanmhair fhèin duine sam bith a bhith na sheasamh fada air leac an dorais aice-se gun fàilte a chur air. Ach, cha thachradh an cat ris eadhon ged nach robh i luath chun an dorais, oir bha cat mo sheanmhair an-còmhnaidh na chadal ann an rùm a' bhoiler tron latha, agus a' dol a-mach anmoch!

'S e dòigh a th' anns an abairt seo a bhith ag ràdh nach d' fhuair cuideigin fàilte bhlàth, no ma dh'fhaoidte nach d'fhuair iad fàilte idir, ged a bha iad a' cèilidh no a' tadhal air taigh.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply