Ràdh 34 - An aghaidh a bhonnan bàna

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh 34 - An aghaidh a bhonnan bàna

Unread post by An Gobaire »

Chaidh fhuadach às an taigh aige fhèin an aghaidh a bhonnan bàna.

Seo abairt dhuibh à Meaghràth a tha na sgìre ann an Gallaibh, agus pàirt dheth ann an Cataibh cuideachd an ceann a tuath na dùthcha.

B' e Gàidhlig cànan na coimhearsnachd an sin gu toiseach na 20mh linn, agus an dèidh sin, bha daoine às an sgìre aig an robh Gàidhlig Ghallaibh suas gu na 1960an agus ma dh'fhaoidte an dèidh sin cuideachd.

Co-dhiù, 's e gnàth-fhacal a th' ann an "an aghaidh a bhonnan bàna" a tha a' ciallachadh "gu tur an aghaidh a thoil", agus gheibhear ann an TGSI e fon tiotal The Gaelic of Reay. Aig an àm a chaidh an aiste a sgrìobhadh, bha Ràth no Meaghràth na sgìre ann an Cataibh ri taobh Gallaibh, ach rinneadh atharrachadh air na crìochan agus tha an dàrna leth ann an Gallaibh a-nis, agus an leth eile ann an Cataibh.

bonnan - taobhan ìochdrach do chasan

Summary: This is a Reay expression which means "very much against his will". Reay is a parish, half of which is in Caithness, and half in Sutherland.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply