Page 1 of 1

Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Wed Aug 31, 2011 10:35 am
by An Gobaire
À leabhar ùr le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain.

Ag èigheachd na creachan

Bha iad ag èigheachd na creachan mu rud a rinneadh ris nach robh iad toilichte. (eisimpleir agam fhìn, chan ann às an leabhar)




'S e "screaming blue murder" a' Bheurla a tha mi fhìn a' cur air seo, ach ma dh'fhaoidte gu bheil rudeigin nas fheàrr aig cuideigin eile?

Steafan

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Sun Sep 11, 2011 1:29 pm
by GunChleoc
Tha "screaming bloody murder" agam.

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Sun Sep 11, 2011 11:11 pm
by An Gobaire
:) Ueill tha sin glè mhath.....ach cha chluinn thu sin ro thric ann am Beurla.

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Tue Sep 13, 2011 5:37 pm
by GunChleoc
Cha chuala mise blue murder roimhe - is dòcha gur e rud Ameireaganach a th' agamsa. :lol:

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Tue Sep 13, 2011 9:40 pm
by An Gobaire
Chan eil fhios agam. Ach 's e gnàth-fhacal suidhichte a th' ann an "screaming blue murder" dhomh fhèin co-dhiù.

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Tue Sep 13, 2011 11:53 pm
by faoileag
An Gobaire wrote:Chan eil fhios agam. Ach 's e gnàth-fhacal suidhichte a th' ann an "screaming blue murder" dhomh fhèin co-dhiù.


'S e agus dhomhsa. :spors:

Re: Ràdh 35 - Ag èigheachd na creachan

Posted: Thu Oct 13, 2011 12:49 pm
by GunChleoc
Saoil an cleachd thu e nuair a bhios tu a' strì leis a' choimpiutair :P