Ràdh 38 - Achilles Heel

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 688
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh 38 - Achilles Heel

Unread postby An Gobaire » Tue Nov 01, 2011 9:53 pm

Tha cuid de chànanan mar a' Bheurla agus Fraingis air an ràdh seo a thoirt a-steach don chainnt mar ghnàth-fhacal sònraichte, a tha ag iomradh ann an seagh samhlachail air buadhan a dh'fhaodadh fàilligeadh no call adhbharachadh.

Ach, mura bheil mi air mo mhealladh, chan eil a h-uile cànan ga chleachdadh facal air an fhacal mar a tha na cànanan sin.

Cho fad 's as aithne dhomhsa, tha a' Ghàidhlig am measg nan cànan NACH eil a' cleachdadh Achilles Heel facal air an fhacal, mar "Sàil Achilles", ach tha gnàth-fhacal ann a tha coltach ann an ciall ris an ràdh ainmeil seo.

Bha mi a' saoilsinn gum faodadh "Sàill Achilles" a chur an cèill mar seo....

b' e siud an laigse chruaidh aige - that was his Achilles heel

Nise, 's fheudar gun d' fhuair mi seo à àiteigin, ach nuair a chuir mi sùil air an leabhar às an robh mi an dùil gun d' fhuair mi e, cha robh ann ach "laigse mhòr" air Achilles Heel. Ach, tha mi deimhinn gur e "laigse chruaidh" a chunnaic mi an àiteigin, ach dh'fhaodadh gur e rud a rinn mi fhìn gun fhios....am faca no an cuala duine agaibhse an abairt "laigse chruaidh" san t-seagh seo?
Last edited by An Gobaire on Fri Nov 04, 2011 12:36 pm, edited 1 time in total.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!

An Gobaire
Posts: 688
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ràdh 38 - Achilles Heel

Unread postby An Gobaire » Wed Nov 02, 2011 12:33 am

Fhuair mi lorg air "laigse chruaidh" ann am Faclair Bun-tomhasach le Roy Wentworth nach maireann.

'S fheudar gur ann às an sin a shil e a-steach do m' eanchainn!!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!