Air ar cumail ri cloich

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Air ar cumail ri cloich

Unread post by An Gobaire »

Còmhradh

OGHA : An robh sibh a' cuideachadh ur màthair 's ur n-athair timcheall an taighe 's na croite?
SEANMHAIR: O bhà. Cha robh a dhà dhòigh air. Bha sinn air ar cumail ri cloich oir bha gu leòr obrach aig mo mhàthair 's m' athair ri dhèanamh.

Anns a' chòmhradh seo, tha an t-ogha a' faighneachd do a sheanmhair mu làithean a h-òige ann an Uibhist. Nuair a bha ise 's a bràithrean 's a peathraichean òg, b' fheudar dhaibh am pàrantan a chuideachadh leis na caran timcheall an taighe agus obair croitearachd. Bleoghainn, cur buntàta, sgioblachadh an taighe..msaa.

Thuirt a sheanmhair gun robh iad "air an cumail ri cloich", 's e sin gun robh iad air an cumail ag obair gu cruaidh. Cha b' e rud dona a bh' ann, ach cha robh a pàrantan a leigeil leotha a bhith leisg.

Beurla: Bha sinn air ar cumail ri cloich. - We were made to work hard/We were kept working hard.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by faoileag »

An e rudeigin mar " We had our noses to the grindstone" a th' ann?
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by An Gobaire »

Chan eil mi eòlach air an t-seanfhacal Bheurla ud.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by faoileag »

Nuair a bha mi san sgoil bhiodh mo phàrantan 's mo sheanmhair ag ràdh. "Just you keep your nose to the grindstone if you're wanting to pass these exams! None of yon gallivanting!" amsaa.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by faoileag »

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by Thrissel »

Tha e eadhon ann an OED:
Phr. to hold (keep, bring, put) one's nose to the grindstone : to get the mastery over another and treat him with harshness or severity, to grind down or oppress; also, in mod. use, to keep (oneself or another) continually engaged in hard and monotonous labour.
agus tha às-aithrisean aca bho 1533 gu 1886, aon le Robert Burns (bho 1786) nam measg:
Be to the Poor like onie whunstane, And haud their noses to the grunstane.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by An Gobaire »

A bheil sibh deimhinn às gur h-i clach-bhleith a' chlach a th' anns an t-seanfhacal Ghàidhlig ge-tà?

Chan eil e soilleir dè seòrsa cloich air a bheil a' chlach san t-seanfhacal Ghàidhlig a' toirt iomradh!

People going to church on Sunday morning [in Killin] would say, "Tha mi a' dol don chloich ," which Mr Walker thinks is a remnant of paganism.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by faoileag »

Anns a' cho-theacsa seo (obair), tha e coltach gur e clach-bleith a th' ann.
(No clach dha rìribh de seòrsa eile co-dhiù, mur e calque trath a th' ann - clachan a thoirt falbh bhon achadh, no clachan a bhriseadh sa chuaraidh amsaa.)

Chan e an taobh mòralta (clach/eaglais: laborare est orare) air a bheil an abairt a' cur cudrom, ach dìreach cho cruaidh 's a tha an obair.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Air ar cumail ri cloich

Unread post by GunChleoc »

cuideachd, san abairt Beurla (sna co-theacsan a chunnaic mi an-seo co-dhiù), feumaidh tu fhèin cur romhad obair gu cruaidh. Leis an abairt Gàidhlig, 's e càch a thug seo ort.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply