Dè am foileadh a th' air?

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Dè am foileadh a th' air?

Unread post by An Gobaire »

A bheil foileadh ort an-diugh? Tha mi an dòchas nach eil oir 's e an-diugh Didòmhnaich dhomhsa agus mura bheil cothrom agad fois a ghabhail air aon latha den t-seachdain, mo thruaighe thusa!

Seo facal nach eil cho cumanta ga chluinntinn cho fad 's as aithne dhomh, ach theagamh nach eil croitear no bana-chroitear air choireigin ga chleachdadh fhathast air uairean aig an taigh.

Tha e coltach ge-tà, gur e seo abairt a bhiodh aca ann an taobh siar Rois roimhe agus e co-cheangailte ris an t-seòrsa bonnaich a bh' air a bhruich gu cabhagach: foileag

Nam biodh tu a' feuchainn ri bonnach a bhruich cho clis 's a b' urrainn dhut, gun cus sùim air cho coileanta 's a bha thu ga dhèanamh, bha thu ga fhoileadh. 'S e seo an t-ainmear-gnìomhach foil. a' foileadh bonnach - ga thòstadh no ga bhruich gu cabhagach

Is ann às an ainmear-gnìomhach seo a gheibhear an gnàth-fhacal "tha foileadh air (cuideigin)". 'S dòcha gu bheil thu air do chur troimh chèile leis na h-uibhir de rudan a th' agad ri dhèanamh, air neo, tha thu air do chur mun cuairt cho mòr le rudeigin eile. Ma bhios foileadh ort, bidh cus cabhaig ort 's tu a' dol an ceann do ghnothaich le caise. "
Cha robh thu a' dèanamh an rud ceart leis an fhoileadh a bh' ort.
" (Faclair Gàidhlig Taobh Siar Rois)

Mar sin dheth, dh'fhaodadh cuideigin, caraid dh'fhaoidte, faighneachd dhiot, "Ge dè a' foileadh a th'ort?" ma bhios e no i a' faicinn nach eil thu cho socrach 's as àbhaist dhut. Air neo, mas e sin do nàdar, dh'fhaoidte gun dèanadh cuideigin eile luaidh air sin: Tha e làn foileadh (Is tric a tha e gu cabhagach, troimh chèile, no an udag air) .

Èirinn: líonrith; mearbhall ar; Beurla: flustered, impatient while doing something Fraingis: être troublé(e), pressé(e) Iapanais: まごまごする, 焦りながら、行った行動


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Dè am foileadh a th' air?

Unread post by GunChleoc »

Seo an 42mh ràdh (agus seo àireamh shònraichte Image) - mòran taing! :)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply