stall - location, position, site

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

stall - location, position, site

Unread post by An Gobaire »

STALL

- Ged a tha faclan coltach ri seo 'nan cruth is litreachadh, chan eil na faclairean a' toirt eisimpleirean den chiall as cumanta a tha air an fhacal STALL.

Ann an leabhar Sheonaidh Ailig nach maireann, "Steall à Iomadh Lòn", bidh am facal seo a' nochdadh grunn thriopan.

Tha e air a chleachdadh rudeigin mar seo:

Cha robh lorg air stall an taighe. - The location of the house couldn't be found.

Air làrach-lìn Tobar an Dualchais, dh'èist mi ri naidheachd aig Dòmhnall Friseal à Geàrrloch. Agus chleachd e am facal seo, STALL, air an aon dòigh.

Nuair a gheibh mi lorg air a'chlàradh seo a-rithist, cuiridh mi ceangal ris a' bhrath bheag seo.

Mar sin leibh.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

stall - location, position, site

Unread post by akerbeltz »

Dè an sgeulachd aig Dòmhnall a bh' ann, a bheil cuimhne agad? Tha mòran ann
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

stall - location, position, site

Unread post by An Gobaire »

Bha mi ag èisteachd ri mòran chlàran gu cabhagach air an trèan, mar sin, cha do ghlèidh mi tiotal a' chlàir 'nam chuimhne. Ach, tha cuimhn' a'm air na thuirt e mu "stall an àite".
"thill iad sa chàr gu 'stall an àite' sam (air neo "far am") faca i (no e) an solas"
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

stall - location, position, site

Unread post by akerbeltz »

Mòran taing!
Post Reply