Page 1 of 1

A' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr

Posted: Fri Jan 04, 2019 9:02 am
by An Gobaire
Is fhada on uair sin.

Dè ur cor?

Tha mi ann an-dràsta gus ràdh beag eile a thoirt dhuibh. Laigh mo shùil air ann an seann iris Ghàidhlig, agus is e seo gnàth-fhacal a dh'fhaodadh a bhith air chuimhne ann am bad-eigin fhathast ach cha chuirinn geall air.

Is e an tuiseal ginideach de srathair a th' anns an fhacal srathrach , agus tha i na seòrsa dìollaid eich - a bhite a' sònrachadh do dh'each a bhiodh a' tarraing cairt. Se pònaidh dùthchasach don Ghàidhealtachd a th' ann an "gearran" a bh' air a cur gu obair sna seann làithean. Pònaidh mòr an taca ri pònaidhean eile ann am Breatainn agus 's e each beag air a spothadh a th' ann cuideachd.

Co-dhiù, chan eil e deatamach mion-fhios a bhith agad air dè seòrsa eich a th' ann an gearran no dè seòrsa dìollaid a th' ann an srathair gus seagh an t-seana-fhacail seo a thuigsinn.

Ma tha cuideigin a' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr, tha e a' leughadh suidheachadh ceàrr no a' toirt breith chearbach air cùisean a chionn 's nach eil e eòlach air rudan nas doimhne na an craiceann a tha ag adhbharachadh an t-suidheachaidh air a bheil e toirt breith.

Mar eisimpleir, thòisich còigrich a' tadhal air na h-Eileanan Siar san 19mh linn agus aig toiseach na 20mh linn, agus bhiodh iad a' toirt "leisg" agus "màirnealach" air muinntir nan eilean air sgàth nan taighean-dubha nach robh nan àitean-còmhnaidh fallain no adhartach idir.

Is ann a bha iad tur aineolach air an t-suidheachadh a dh'adhbhraich nach robh fàrdaichean na Gàidhealtachd air mòran adhartais a dhèanamh o na bliadhnaichean roimhe. Mar sin, dh'fhaodadh tu ràdh gun robh iad a' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr nan aineolas le bhith ag ràdh gun robh croitearan mì-shùrdail no leisg.

Dìreach mar a bhios cuid an-diugh a' toirt slaic air croitearan airson talamh fhàgail bàn gun eòlas aca air cho bochd 's a tha am margadh no prìsean, agus gun fhios aca gum feum cuid de chroitearan a dhà no trì obraichean a chumail a' dol aig an aon àm airson am beò-shlàint', agus mar sin air adhart. Is ann a tha iad a' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr ma tha iad ag ràdh nach eil òigridh air tuath ag iarraidh a bhith nan croitearan tuilleadh.

A' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr

Posted: Sun Jan 13, 2019 11:10 am
by GunChleoc
Is fhada on uairsin, a charaid! 'S math d' fhaicinn an-seo :D

A' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr

Posted: Sun Jan 13, 2019 12:55 pm
by An Gobaire
Tapadh leat, is math a bhith ann.

A' cur na srathrach air a' ghearran ceàrr

Posted: Tue Jan 29, 2019 1:06 am
by faoileag
Mòran taing - 's ann le ùidh mhòr a leugh mi sin, mar as àbhaist.